Tearlach Mòr
As a'Wikipedia
Tearlach Mòr b. 742 no 747 - 28mh Faoilleach, 814 - (No ' Charlemagne 'san Fraingis, Karl der Große 'sa Gearmailtis, Karel de Grote san Duitseis agus Carolus Magnus 'sa Laideann) Rìgh na seann Gearmailtich ris an canar na 'Fraincean' agus an duine a stèidhich Impireachd an Ròimh Naomh.
'Se am mac is sinne aig Rìgh Pippin Òg (cuideachd air ainmeachadh ' Pippin Ghoirid '). 'Nuair a bhàsaich Pippin chaidh an rìoghachd aige a phàirticheadh ann an dà leth eadar a mhic - Charlemagne agus a bhrathair Carloman. Bhàsaich Carloman air an coigeamh latha den Damhair 771, mar sin a fagail Tearlach Mòr mar ceann an rioghachd Frainceach aonaichte. Bha Tearlach Mòr a cogadh airson a chuid mhòr de rìoghachadh - leis an claidheamh ainmeil aige 'Joyeuse' na laimh. An dèidh tricheadh bliadhna de chogadh agus ochd-deug blàr cheannsaich e Sagsonaidh - amas a bh'aig Impire Augustus den Impireachd Romanach ach nach robh na chùmhachd a dheanamh. An dèidh dha smachd fhaighinn air talamh no sgire dh'iompaich e na daoine chun a chreideamh Crìosdaidh.