Web Analytics Made Easy - Statcounter

See also ebooksgratis.com: no banners, no cookies, totally FREE.

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Eòlas-nàdair - Wikipedia

Eòlas-nàdair

As a'Wikipedia

'S e eòlas-nàdair (no feallsanachd-nàdarra, no fiosag) an saidheans nàdarrach a tha a' ceasnachadh riaghailtean bunaiteach an nàdair. Tha e a' rannsachadh co-phàirtean bunaiteach an nàdair agus nan eadar-obraichean orra. Tha e a' deiligeadh ris na feartan agus ri giùlan stutha is lùiths ann am fànas is ann an tìde. Tha e a' deiligeadh ri daineamaig fànais is tìde cuideachd. Bheirear iomradh air nàdar-fheallsanachd gu tric mar saidheans an nàdair neo-bheathail, an coimeas ri bith-eòlas, saidheans an nàdair bheathail.

Tha iomadh roinntean anns an saidheans seo. Tha feallsanaich-nadurra air a bhi ri rannsachadh leantainneach bhon 17mh linn, nuair a rinn Isaac Newton cuid obair bun-aiteach air feartan (no buaidhean) de solas.

Clàr-innse

[deasaich] Aonadan Thomhais

Tha aonadan-thomhais riatanach ri deuchainnean saidheansail. Is Système international d'unités neo SI an siostam-thomhais caighdeanachd de eòlas-nàdair anns an latha an diugh. Tha e stèidhichte air seachd bun-aonadan. Tha gach bun-aonad na h-aonad thomhais do bun-fheairt. Gabhar le abhaisteas, gu bheil gach bun-fheart ann an seòlad neo-eisimileachd fa-leth. Is iad na bun-fheartan: fàd, màs, tìm, teasad, srùth-dhealaineachd, àireamh agus soillearad. Is iad na bun-aonadan: Metre, Cilogram, Diog (seconde), Ceilbhin, Ampere, Mòl, agus Càindeile. Tha ainmean agus comharraidhean nan aonad aontaichte aig ìre eadar-nàiseanta, ach le abhaisteas sgrìobhair ainmeanan nan aonad an aithisgean agus paipearan a rèir na caighdeanan litrichidh daingnichte ri cànan an aithisg.

[deasaich] Optaig

Is i seo an roinn de eòlas-nàdair a dheiligeas le buaidhean de solas. Rinneadh an rannsachadh bunaiteach air an sgoil seo le am feallsanach ainmeil Sasunnach Sir Issac Newton (1642-1727) rè an 17mh linn.

Fhoillseach Newton tractas-mòr "Opticks" air a'chuise seo anns a bhliadhna 1706 (Dearbh). Anns an tractas sin chaidh ainmeachadh air agus mineachadh de cuid math de "dlighean" optaig, bu sonraichte dlighean ath-tilgidh (le sgathanan) agus dlighean ath-sgaraidh (le lionsan).


[deasaich] Nàdair de Solas

Cha robh nàdair de solas cinnteach ri linn Newtoin- bha cuid feallsanaich den bheachd gur e sruth de meanbh-cnapan a bha ann an gàth-sholais agus cuid den bheachd gu robh solas a' siubhal na tuinn. Tha fios againn anns an latha an diugh gu bheil nàdair de sruth de meanbh-cnapan (fotonan)agus gu bheil nàdair de tuinn ann an gàth sholuis.

[deasaich] Co-Gluasad

Seo an roinn de eòlas-nàdair a dheiligeas le cnapan stugh fo bhuaidh cumhachdan-eiginn (no forsaichean). Tha co-gluasadan clasaigeachd steidhichte air tri dlighean a chaidh air ainmeachadh le Isaac Newton, mar àlach chanar "Na dlighean co-ghluasad Newtoin" dhaibh.

1 A'chiad dlighe co-gluasad de Newton

"Is buadh do gach corp gun laighe e na fois neo gun cum e air, na shiubhal aig astar cunbhalach air rian direach mur a bi cumhachd-eiginn a' gnàthadh air."

2. An dara dlighe co-gluasad de Newton

"Nuair a bhios cumhachd-eiginn a' gnathadh air corp, bithidhidh luach an ath-luathasachaidh a reir am forsa roinnte le a tomad."

(Is abhaist dhuinn a sgriobh seo anns an cruth "Forsa = tomad x ath-luathasachadh")

3.An treas dlighe co-gluasad de Newton

"Ri gach iomain bacachd"

No mar a sgriobh Newton a fhein "Actionem quod semper reactionem", a' ciallachadh nach bruth cumhachd-eiginn (forsa)air ni sam bith ach, an luib an ath-luathsachadh a tha aobharaichte air an cnap tomaid a tha ann leis a bhruthadh bithidh an cnap a phutadh air ais (bacachd) an aghaidh am forsa iomain. (Dearbhar seo le deuchainn simplidh: prib balla agus goiteachar d' ordag).

Cainntean eile


aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -