Adam Smith
As a'Wikipedia
'S e eaconamaiche Albannach a bh'ann an Adam Smith (neo Adhamh Mac a' Ghobhainn, 1723 - 17 an t-Iuchar 1790) agus tha cuid mhòr de dhaoine den beachd gur e a thòisich am foghlam eaconamas - Mar sin, 's e 'The Father of Modern Economics' a bhios daoine ag èigheachd air. Bha an leabhar aige, 'An Inquiry into the Nature and Causes of the Wealth of Nations' no direach 'Wealth of Nations' uabhasach cudthromach. Anns an leabhar aige tha e a' faighneachd 'dé is urrainn do dhuine a dhèanamh a tha is fhearr airson an dùthaich aige?' Tha e den beachd ma nì a h-uile duine an rud a b'fheàrr dhaibh fhèin gun dèan an dùthaich nas fheàrr. 'S e seo an seòrsa smaoineachaidh ris an canar a tha Libearalach.
'Se feallsanaiche mòr a bh'ann cuideachd agus bha ùidh aige ann an nàdar an duine - carson a bhitheadh daoine a' faireachdainn gu bheil feadhainn de rudan dona, no olc, agus feadhainn eile math. Sgrìobh e leabhar den ainm 'The Theory of Moral Sentiments'. Bha e a' smaointinn gun robh co-thruas gu math cudthromach ann an lagh nam beus. Bha ceangail eadar Smith agus feallsanaiche Albannach ainmeil eile mar David Hume.
[deasaich] Aistean co-cheangailte
- an Soillseachadh Albannach
- an Soillseachadh Frangach
- David Hume
- Francis Hutcheson