John F. Kennedy
As a'Wikipedia
B'e Iain Mac Ghearailt Ceanadach (John Fitzgerald Kennedy 'sa Bheurla) (29 an Ceitean, 1917 - 22 an t-Samhain, 1963) an 35mh Prìomhaire de na Stàitean Aonaichte. Sheas è bho 1961 gus an deach a mhuirt ann an 1963.
An deidh don Cheanadach obair mar ceannard an USS PT-109, eathar-cuirtiche, ann an taobh a deas an Cuan Pacific tron an Dara Cogadh t-Saoghal thionndaidh e a shùil gu dreuchd a ghabhail mar neach-poileataigs. Sheas è airson Massachusetts ann an Taigh nan Riochdairean bho 1947 gu 1953 mar Democrat. Rinn Ceanadach a chùis air Richard Nixon, a bha na Iar Cheann-suidhe aig an t-àm, anns an taghadh - aon dha na taghaidhean is teannta ann an eachdraidh an dùthaich - a chaidh air adhart an 1960. Gabh'n drasta 's e Iain Ceanadach an aon Caitligeach a chaidh a thaghadh mar Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte agus an aon ceann-suidhe a tha air am Duais Pullitzer a bhuannachadh. Fhads a bha an riaghaltas aige ann an cumhachd thachair Ionnsaigh Bàigh nam Muc, an Cunnart Urchair an Cuba, togail Balla Bherlin, toiseach an Linn-Fhànais, an Gluasad Reachd Sobhalta Americanach agus toiseach Cogadh Bhietnam.
Chaidh Ceanadach a mhuirt air an 22 den t-Samhain, 1963, ann an Dallas, Texas. Chaidh an casaid a chuir air Lee Harvey Oswald ach chaidh deach a thoirt gu cuirt or chaidh esan a mhuirt dà latha an deidh do bàs Ceanadach nuair a loisg Jack Rugby air le gunna. Cho-dhùin an Warren Commission gun robh Oswald ag obair na aonar nuair a chaidh Ceanadach a mharbhadh ach, thuirt an House Select Committee on Assassinations an 1979 gu dòcha gun robh co-cheannairc ann. Tha an cuspair connsachail fhathast le deasbad a dol mu iomadach beachd air mar a thachair am muirt agus cò a bu choireach. 'S e tachart geur ann an eachdraidh Americanach a th'anns am muirt mar is coireach ris am buaidh a bh'aige air an dùthcha agus iarbhail poiliteagach a lean. Tha tòrr den bheachd gur e Iain Ceanadach ìomhaigh de dhòchasan agus iarrtasan Americanach agus tha beachd mhath aig a chuid-mhòr den t-sluagh Americanach air fhathast.