Cunnart Urchair an Cuba
As a'Wikipedia
Ann an 1962 thug Nikita Krushchev cead airson urchairean-niuclasach a stèidheachadh ann an Cuba airson an eilean a dhìonaidh an aghaidh ionnsaigh Americanach agus cuideachd airson co-chuideam a righinn an aghaidh cho cumhachdach sa bha na Stàitean Aonaichte a-rèir urchairean Niuclasach le ruigse fada a bha suidhichte aca anns an Roinn Eòrpa. An deidh do itealan-lorgaire sùil fhaighinn air na gearasdain urchair chaidh innis don an Ceann-suidhe, Iain Ceanadach, agus fad seachdain bha e a coimhead coltach gun robh an saoghal gus a dhol gu cogadh a-rithist.
Mar a thachair se an Aonadh Sobhiat a sheas sìos an deidh don Cheanadach gealladh do Khrushchev nach dèanadh e ionnsaigh air Cuba. Thuirt na Americanaich cuideachd gun d’thoireadh iad na urchairean “Jupitar” aca a-mach as an Tuirc.
Dh’aontaich Ceanadach gu poblach ris a chiad iarraidh agus gu dìomhair ris an dara.
Chaidh na longan Americanach a thoirt air ais air an 20mh den t-Samhain. Thug na Sobhiataich na arman niuclasach aca a-mach robh deireadh na bliadhna agus rinn na Stàitean Aonaichte an aon rud le na urchairean aca anns an Tuirc an ath-bhliadhna.
Chaidh “hot-line” a chruthachadh eadar na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Sobhiat airson dèanamh cinnteach nach tachaireadh a leithid a-rithist.