Raibeart Burns
As a'Wikipedia
Is e Raibeart Burns (Am Faoilteach 25, 1759 -- An t-Iuchar 21, 1796), no Rabbie Burns anns a' Bheurla Ghallda, bàrd Albannach anabarrach mòr-chòrdte, agus bàrd nàiseanta na h-Alba.
Sgrìobh Burns a'chuid as motha de'n bhàrdachd aige ann am Beurla Gallda.
Rugadh e ann an Alloway, ann an Siorrachd Àir. Bha e na mhac coiteir, agus aon de seachd clann. Thogadh Burns ann am bochdas agus fhuair e a theachd-an-tìr mar treabhaiche, obair gu math cruaidh a chur ris a'bhàs tràth aige (le tinneas-cridhe lòidhnicheach) ann an 1796.
Am measg na bàrdachd agus nan òran as ainmeile aige, gheibhear òrain gaoil (Green Grow the Rashes O' , Ye Banks and Braes), dàin aithriseach (Tam O'Shanter), òrain nàiseantach (Brosnachadh Bruis (Scots Wha Hae)), òrain sòisealach (A Man's a Man for A That), dàin a bheir iomradh air a bheatha air an dùthaich (To a Mouse), agus an t-òran eadar-nàiseanta a' bhliadhna ùir, Auld Lang Syne.
Air sgàth na bàrdachd sòisealaich aige, tha e na ghaisgeach do mhòran dhaoine air feadh an t-saoghail.
Bha Burns gu math deidheil air cuideachd nam boireannach agus bha iomadh companach as pòsadh agus leanabh dìolain aige.
An diugh, bithidh Albannaich a'moladh a chuimhne gach Faoilteach 25mh aig suipearan Burns. Tha ìomhaighean air togail an urram dha air feadh an t-saoghail (mar eisimpleir, ann an San Francisco, New York, agus Vancouver).
Sheinneadh an t-òran A Man's a Man aig fuasgladh a'Phàrlamaid Albannach ann an 1999.