Ferdinand Magalhaens
As a'Wikipedia
B'e maraiche agus rannsachair a bha ann an Ferdinand Magalhaens (1470-1521).
Rugadh e anns a' Phortagail agus bha e iomadh bliadhna 'san seirbhis rioghail. Chosnaich e urram 's an seirbhis sin anns na h-Innsean Searach agus chaidh a leòn ann am Morocco. Dh'fhagadh esan le càs cham agus gun meas ach culaidh-mhagaigh an suil Rìgh Immanuel. Chaidh Magalhaens as aicheadh a h-aiteachadh Portugaich agus thairgse e a sheirbhisean ri Rìgh na Spainne.
Bha esan a' creidsinn gum bhitheadh slighe do na Molucaich seachad air Mòr-Thir Aimeireaga a Deas. Thugadh cabhlach de coig luing dha còmhla le feachd de 250 daoine is rinn e air an Iar an 1519.
Lorgadh caolais eadar Ameireaga a Deas agus Tierra del Fuego, ris an chanar Caolais Mhagalhaeins an diugh. Bhèat a luingean tron Chaolais seo fad 17? laithean, mun do dh'fhosgail cuan eile a roimhe. Chuir Magalhaens An Cuan Sìth air an fharraige seo air sgàths an faireachdainn siòchan a thàinig air nuair a chaidh a ruigsinn.
A chumail dhan iar, lorg e na h-Eileanan Filipineach far an deach buidheann aigesan a mach le buidheann tusanaich. Mharbhadh esan anns an t-sabaid. As deidh an t-uabhas seo chum a sgioba nan seòladh dhan iar fo stiùir a h-iar-cheannard anns a long-bhrataich Victoria . Ràinig iad air an Spàinn ann an 1522 aig deireadh a chiad cuairt-sheòladh na cruinne an eachdraidh clann dhaoine.