Web Analytics

See also ebooksgratis.com: no banners, no cookies, totally FREE.

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Coghadh Cathara Ameireaganach - Wikipedia

Coghadh Cathara Ameireaganach

As a'Wikipedia

Coghadh Cathara Ameireaganach
Cuin: 12mh Giblean 1861 gu 9mh Giblean 1865
Càite: Stàitean Aonaichte
Adhbharan: Ionnsaigh Co-fheadairealach air Dùn Sumpter



Clàr-innse

[deasaich] Cogadh Cathara Ameireaganach

Thachair an Cogadh Cathara Ameireaganach eadar 1861 agus 1865 eadar na stàitean a deas a bha a'strì dùthaich neo-eismileach stèidheachadh agus na stàitean a tuath a bha airson an dùthaich a chumail aoinaichte. Thàinig an cogadh gu crìoch nuair a bhuanaich na Stàitean a Tuath. 'S e cogadh a b'fhuiltiche ann an eachdraich na Stàitean Aonaichte. Chaidh tòrr is 600,000 saighdearan a mharbhadh ann.

[deasaich] Adhbharan

Anns a'cheann a deas na Stàitean Aonaichte, bha mòran de dhaoine a bh'air an cùmail ann an tràillealachd, daoine dhubha a bh'air an toirt thar a'Chuain Siar bhon Afraga. Ged a bha tràillealachd ceadaichte air feadh na Stàitean Aonaichte aig àm an Aramach, 's ann ann an ceann a deas gu h-àraidh a dh'fhàs i cudromach dhan eaganamaidh ionadail anns na bliadhnaichean a lean deireadh an Aramach. Aig an dearbh àm , chaidh tràillealachd à bith builleach anns a'cheann a tuath.

Aig àm a'chogaidh 1812 eadar na Stàitean Aonaichte agus a'Bhreatainn Mhòr, bha an aon uibhir de stàitean saora sa bha stàitean far an robh tràillealachd ceadaichte. Bha sin a'ciallachadh gu robh co-ionnanachd eadar an dà chuid de stàitean anns an t-Seanaid far an robh dhà sheanair aig gach stàite. Cha robh na stàitean tràillealach deònach idir an cuid co-ionnanachd a chall. Mu dheireadh ann an 1820, co-dhùn iad, bho sin a-mach stàitean ùra a leigeil a-steach nan càraidean, an darna tè saor agus an tè eile tràillealach. Mar sin, cha chàileadh na stàitean tràillealach an cuid co-ionnanachd de chùmhachd.

Ach tro thìde, dh'fhàs tràillealachd na bu chonspaidiche anns na stàitean a tuath. Nochd iomairtean aig an robh amas cuir às dhan tràillealachd anns na stàitean a deas agus dh'fhàs na stàitean a tuath aindeònach stàitean tràillealach a bharrachd a leigeil a-steach do na Stàitean Aonaichte.

Thòisich cùisean a'fàs teann anns na bliadhnaichean a lean an cogadh an aghaidh Meagsaigeo. Bhuanaich na Stàitean Aonaichte dhaibh fhèin cuid mhòr dhen dùthaidh a bh'aig Meagsaigeo ro làimh agus air sàilleamh sin, bho sin a-mach, bha deasbad mòr ann: am biodh na stàitean a rachadh a chruathadh às tràillealach neo saor?

Thàinig an deasbaid gu teann ann an 1854 nuair a chaidh roinn Kansas stèidheachadh. Chaidh co-dhùnadh gum b'e muinntir Kansas fhèin a cho-dhùnadh an tigeadh Kansas a-steach mar stàit thràillealach neo shaor. Thàinig tòrr mòr de dhaoine a-steach dhan Kansas, cuid airson tràillealachd 's cuid an-aghaidh 's an darna taobh a'feuchainn an taobh eile a phutadh a-mach às an Kansas. Bhris fòirneart a-mach 's mhàir seòrsa de chogadh cathara ann an Kansas mu leth-dhusan bliadhna gu ruige thòiseach an cogadh cathara aig ìre naiseanta.


[deasaich] Sgaradh

Thàinig cùisean gu ceann aig ìre naiseanta ann an 1860 aig àm iomairt an taghaidh. Gheall Abraham Lincoln nach leigeadh e tuilleach stàitean ùra a thighinn a-steach ach mar stàit shaor. Dhiùlt cuid de na stàitean a deas ghabhail ri sin, oir bha fhios aca gun chàilleadh iad an cuid de chumhachd anns an t-Seanaid. Nuair a chaidh Abraham Lincoln a thaghadh, dhealaich a' chiad shreath de stàitean bho na Stàitean Aonaichte mar a leanas:

 Carolina a Deas, 20mh an Dùbhlachd, 1860
 Mississippi 9mh an Fhaoilleach, 1861
 Florida an 10mh an Fhaoilleach, 1861
 Alabama 11mh an Fhaoilleach, 1861
 Georgia 19mh an Fhaoilleach, 1861
 Louisiana 26mh an Fhaoilleach, 1861
 Texas 1mh a' Ghearran, 1861

Air an 4mh a Ghearran, 1861, chruinnich riochdairean às na stàitean Carolina a Deas, Georgia, Alabama, Mississippi agus Florida ann an coinneamh ann an Montgomery, Alabama. Roghnaich iad bun-reachd a chruthaich na Stàitean Co-fheadarail Ameireagaidh (SCA).

Aig an dearbh àm, chruinnich na Co-fheadarailich na mailisidhean a bh' ann mar tha ann an arm agus thòisich iad ri bheir air na dùin fheadarail air feadh na Co-fheadarailis gus mu dheireadh cha robh air fhàgail aig na Feadarailich eadar Texas agus Carolina a Deas ach trì Dùin, nam measg: Dùn Sumpter aig Charleston, Carolina a Deas.

'S ann air eilean ann am meadhan a' bhàigh aig Charleston a bha Dùn Sumpter agus bha am freicheadain Feadaraileach air a chuairteachadh le feachdan a deas. Theann na saighdearan a deas losgadh air an dùn air an 12mh a' Ghiblean, 1861 ann an ionnsaigh a mhair fad latha agus rug iad air.

Mar fhreagairt, dh'iarr an Ceann-suidhe Lincoln air na stàitean eile mailisidhean a chruinneachadh dhan Riaghtas Fheadarail na reubaltaich a chuir sìos. Dh'adhbhraich an gairme seo darna sreath de sgaraidhean mar a leanas:

 Virginia, 17mh a'Ghiblean
 Arkansas, 6mh a'Cheitean 
 Tennessee, 7mh a' Cheitean
 Carolina a Tuath, 20mh a' Cheitean.

Gu ruige seo, bha na stàitean seo deònach gu leòr fuireach leis na Stàitean Aonaichte ach cha robh iad deònach dhol gu cogadh an aghaidh nan stàitean a bha a' fàgail na Stàitean Aonaichte agus chruinnich iadsan dhan Co-fheadairaileas. Ach dhiùlt an ceann iar-dheas Virginia ghabhail pàirt dhen sgaradh sin agus dhealaich iadsan bhon Virginia agus bhon sgaradh-sa, chruthaich iad stàit ùr do na Stàitean Aonaichte: Virginia an Iar.

Bha a-nis 11 stàitean nam ball dhen Cho-fheadaraileas. Bha 4 stàitean tràillealach a bha fhathast còmhla ris na Stàitean Aonaichte: Missouri, Kentucky, Maryland agus Delaware.


[deasaich] Coimeas eadar an Dhà Thaobh

Aig toiseach a' chogaidh Cathara, bha 34 stàitean anns na Stàitean Aonaichte, 15 diubh tràillealach 's 19 dhiubh saor. De na 15 stàitean tràillealach, dhealaich 11 bho na Stàitean Aonaichte.

Seo a leanas beagan aireamh-shluaigh:

Aireamh-shluaidh sna Stàitean Aonaichte air fad: 31,191,876 (1860)

Aireamhean-shluaidh air am briseadh sìos a-rèir roinn:

Fìor Ceann a Deas a ghabh pàirt anns a' chiad sgaradh:

 Aireamh-shluaigh air fad   4,869,141   
 Aireamh de thràillean      2,312,352    
 %tràilleil                        47%

Darna Sreath Sgaraidh (Arkansas, Tennessee, Carolina a Tuath, Virgina:

 Aireamh-shluaigh air fad   4,134,231
 Aireamh de thràillean      1,208,798
 %tràilleil                       29%

Stàitean Tràilleil nan Crìochan (nach do dhealaich)

 Aireamh-shluaigh air fad     3,212,041
 Aireamh de thràillean        432,586
 %tràilleil                       13%

Stàitean a Tuath (seachd na Stàitean an fhìor chinn an iar nach do gabh pàirt sa cogadh)

 18,048,790

Bha 9 millean neach a bha a' fuireach anns na Stàitean Co-fheadarail, 3.5 dhiubh nan tràillean an coimeas ri tòrr 's 21 millean anns a' cheann a tuath agus anns na crìochan le ach 2% dhiubh nan tràillean. Cha robh an Co-fheadaraileas deònach tràillean a chleachdadh mar shaighdearan. Tha sinn a' ciallachadh gun robh an Co-fheadaraileas a' tarraing nan saighdearan aca à aireamh-shluaidh de 5.5 milleanan neach aig an dearbh àm sa bha bha an riaghaltas Feadarail a' tarraing nan saighdearan acasan à 21 millean. Na bu mhiosa na sin dhan Cho-Feadaraileas, mar a lean an cogadh, theich cuid mhòr de na tràillean acasan dhan cheann a tuath far an deach iad dhan arm agus shabaid iad an aghaidh a' Cho-fheadarailis.

Static Wikipedia (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -

Static Wikipedia 2007 (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -

Static Wikipedia 2006 (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu

Static Wikipedia February 2008 (no images)

aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu