Al Pacino
As a'Wikipedia
Tha Al Pacino na chleasaiche ainmeil Ameireigeanach, a dh'fhàs cliùteach as dèidh sreath de dh'fhilmichean mìorbhaileach aig tòiseach nan 70an, Dog Day Afternoon, Serpico, ach gu h-àraidh The Godfather, far an do chluich e Micheal Corleone. Chluich e Micheal da uair eile anns The Godfather Part II agus The Godfather Part III.
Ged a tha cliù aige mar fear dhe na cleasaichean as fheàrr a bha ann a-riamh, agus bha e air a mholadh sia tursan airson Duais an Acadamaidh, cha d' fhuair e greim air 'Oscar' gus 1991 airson Scent of a Woman far an do chluich e seann shaighdear dhall.
As dèidh Revolution ann an 1985, film èiginneach mu dheidhinn Cogadh Neo-Eisimeileachd nan Ameirgeanach, sguir e dheth filmaichean a dhèanamh. Ach thill e anns na 90an, far an do nochd e ann an sreth de dh'fhilmichean, 's ged nach robh iad cho math ris a' chuid a rinn a chliù anns na 70an, dhearbh iad àite Phacino mar chleasaiche chudtromach.