Glaschu
As a'Wikipedia
'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu ach chan e am prìomh bhaile - 'se sin Dùn Èideann. Tha Glaschu suidheachte air taobh-siar Alba air an Abhainn Chluaidh agus 'se prìomh bhaile roinn Srath Chluaidh a th'ann. Bha Glaschu uabhasach ainmeil airson na garaidhean-iaruinn, a thog longan, ach tha an gnìomhachas seo air crìonadh gu mòr anns an trichead bliadhna mu dheireadh agus chan eil moran longan air an togal ann tuilleadh. Aig aon àm 'se Glaschu prìomh-bhaile 'san t-saoghal airson longan a thogail agus mar an dara baile is motha ann am Breatainn chanar gur e an 'Dara Baile 'san Impireachd' no sa Bheurla 'The Second City of the Empire.'
Tha coimhearsnachd mòr Gaidhealach ann an Glaschu agus canar feadhainn gur e Baile nan Gaidheal a th'ann. Tha barrachd air 1,749,154 ann an sluagh Glaschu le gu-leòr a bharrachd a fuireach aig oir a bhaile. Tha pairt mhòr de muintir na Gàidhlig (eadar 10,000 agus 15,000) a fuireach ann an, no mu chuairt air, Glaschu.
Chaidh Glaschu a stèidheachadh anns a 6mh linn leis an Naomh Mungan, far a bheil an cathair-eaglais ann an diugh.
Thuige an 12mh linn, b'e Glaschu baile-mòr agus thòisich togail na cathrach-eaglais.
A'tighinn as dèidh òrdugh a' Phàpa, chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1451.
[deasaich] Ceanglaichean a-mach