Cù
As a'Wikipedia
Cù | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Còmhlan | Chordata |
Buidheann | Mammalia |
Òrdugh | Carnivora |
Teaghlach | Canidae |
Gnè | Canis |
Seòrsa | C. lupus |
Fo-ghnè | C. l. familiaris |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Canis lupus familiaris (Linnaeus, 1758) |
Tha an Cù (Canis lupus familiaris) na shineach feòil-itheach anns an òrdugh Carnivora, a tha cumanta mar pheata, beathach seilg agus beathach obrach. Tha an dlùth-cheangal eadar daoine agus coin air maireachdainn co-dhiù 17,000 bliadhnaichean; their cuid "an co-cheangail" ris an dàimh seo. Is fhada bho bha daoine dhen bheachd gur h-ann bho mhadaidhean-allaidh a thainig an gnè Canis familiaris[1].
Tha iomadach seòrsa is briod de choin; faic mar eisimpleir an diofar eadar an Chihuahua beag biodach agus an Irish Wolfhound, neo eadar na diofar seòrsaichean abhagan agus am miol-chù. Tha gaoisid dhen a h-uile seòrsa is dath orra eadar dubh is geal, ruadh, riabhach, liath is donn.
Tha coin, mar a tha daoine, nam beathaichean sòisealta, agus tha sin a' cur an cèill carson a tha iad cho math gu trèanadh, cho spòrsail, agus carson a tha iad cho comhfhurtail am measg daoine. Tha ceann math orra, le cuimhne a mhaireas fada, agus comas aca iad a bhith glè luath-aireach ann an cuid a shuidheachdain; tha sin gam fàgail glè fheumail do mhac an duine.
Ged-tà tha cuid de chultaran, m.e. Islam, a' smaoineachadh gur e rud salach grànta a tha anns a' chù. Ann an cultaran eile, thèid an ithe.
Clàr-innse |
[deasaich] Abairtean mu dheidhinn coin
- Am Fear a bhios air dheireadh, bidh na coin comaidh ris.
- Cho sgith ri seann chu.
- Cho math ris a' chu!
- Cho cam ri cu a' muin san t-sneachd.
- Leig a-staigh an cù, is thoir a-mach an Sasannach!
[deasaich] Faclair nan Coin
- Albanais - ham, ham
- Arabais - haw, haw
- Armenis - haf, haf
- Beurla - woof woof; ruff ruff; bow-wow
- Bulgarais - bau-bau (бау-бау); jaff, jaff (джаф-джаф)
- Catalanais - bup, bup
- Coreanais - mŏng, mŏng (멍멍) [mʌŋmʌŋ]
- Danmhairgis - vov, vov
- Duiteis - waf, waf; woef, woef (co-ghuthach ri woof woof)
- Eabhra - hav, hav (הב–הב)
- Eadailtis - bau, bau
- Esperanto - boj, boj
- Estonais - auh, auh
- Fionnlannais - hau, hau; vuh, vuh
- Frangais - ouah, ouah; ouaf, ouaf
- Gearmailtis - wuff, wuff; wau, wau
- Greugais - gav, gav
- Hindis - bho, bho (भो-भो)
- Iapanais - wan, wan (ワンワン)
- Indonais - guk, guk
- Islandais - voff, voff
- Latbhianis - vau, vau
- Lithuanian - au, au
- Lochlannais - voff, voff
- Persis - vogh, vogh(وغوغ)
- Pòlainnis - hau, hau
- Portagailis - au, au
- Romanais - ham, ham or hau, hau
- Ruisis - gav, gav (гав-гав)
- Searbais - av, av (ав-ав)
- Seicis - haf, haf
- Sìnis - wang, wang
- Spàinntis - jau-jau; guau, guau
- Suainis - voff, voff; vov, vov
- Thai - hoang, hoang
- Turcais - hav, hav
- Ungairis - vau, vau
[deasaich] Ceanglaichean (Beurla)
- Landseer
- Newfoundland
[deasaich] Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)
[deasaich] Iomradh