Washington D.C.
As a'Wikipedia
Washington, D.C.
|
|||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | na Stàitean Aonaichte | ||||
Ceàrn | District of Columbia | ||||
Co-chomharran | 38°53′42.4″ Tuath 77°02′12.0″ Iar |
||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 177.0 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 581,530 (2006) | ||||
Dlùths | 3,285.48/km² | ||||
Àireamh fòn | +01-202 | ||||
Duilleag oifigeal | http://www.dc.gov/ |
[deasaich] Geàrr-Chunntas
'S e prìomh bhaile nan Stàitean Aonaichte a th' ann an Washinton, D.C. Chaidh Washington D.C. a stèidheachadh a dh'aona gnothach gu bhith na phrìomh bhaile.
Tha na litrichean D.C. a' seasamh airson District of Columbia. Tha sin a' ciallachadh gur e siorrachd àraidh an Riaghaltais Fheadarail 's chan e stàite a th' ann an District of Columbia.
Tha na trì roinnean an riaghaltais, an Riaghaltas fhèin, na cùirtean, agus a' Còmhdail, stèidhte ann an Washington, D.C.
[deasaich] Eachdraidh
Chaidh an District of Columbia stèidheachadh fo Bhun-reachd nan Stàitean Aonaichte ann an 1790. Chaidh e a roinneadh bho Virginia agus Maryland. An toiseach 's e dùthaich cheàrnagach a bh' ann an District of Columbia le 10 mìle air gach taobh, rud a rinn 100 mìle cheàrnagach air fad a bh' air gach taobh na h-aithne Patomac. Ann an 1847, chaidh am pàirt a bhuinneadh do Virginia bho thùs a thoirt air ais do Virginia. Mar sin, tha an District of Columbia gu lèir air an taobh a tuath na h-aithne Patomac.
Chan eil an District of Columbia na stàite mar Virginia neo Maryland agus air sgàth sin, chan eil an District air a riochdachadh anns an t-Seanaid neo anns an Taigh nan Riochdairean. Agus cha do ghabh an District pàirt anns na iomairtean-taigh a' cheann-suidhe gu ruige 1961 nuair a chaidh an 23mh atharrachadh a' Bun-reachd a chuir an sàs. Bho sin a-mach, tha còir aig an Distric of Columbia pàirt a ghabhail annta le tha trì bhòtaidhean aice.