Còd Àireamh fòn eadar-nàiseanta
As a'Wikipedia
Leis an Còd Àireamh fòn eadar-nàiseanta s’ urrainnear bruidhinn air an fhòn eadar dùthchannan, ceàrnan agus sgìrean eadar-dhealaichte. Mar as trice cleachdar “00” aig toiseach an àireamh-fòn eadar na dùthchannan agus “0” eadar ceàrnan agus sgìrean eadar-dhealaichte anns an dùthaich fhèin. Anns na Stàitean Aonaichte agus Canada cleachdar "1" agus "011".
Tha liosta leis a h-uile àireamh fòn eadar-nàiseanta ri fhaicinn an seo: Liosta Còd Àireamh fòn eadar-nàiseanta
Tha an t-Aonadh Cian-chonantradh Eadar-nàiseanta, ainm goirid ITU, (Beurla: International Telecommunication Union, Fraingis: Union internationale des télécommunications, Spàinntis: Unión Internacional de Telecomunicaciones) a’ dèiligeadh leis na cuisean seo. Stèidhichte ann an 1865 mar International Telegraph Union ann am Paris, tha iad pàirt de na Dùthchannan Aonaichte an diugh le prìomh-oifis ann an Geneva san Eilbheis.
[deasaich] Ceangal a-muigh
- ITU Liosta: http://www.itu.int/pub/T-SP-E.164D-2006/en
- Duilleag oifigeil ITU: http://www.itu.int/net/home/index.aspx