User talk:Steaphan30
As a'Wikipedia
[deasaich] Samhail Luibhean/Lusan
Rinn mi samhail ùr, faic Template:Lus. Tha mi an dòchas gu bheil e ceart gu leòr agus gu bheil e a' cordadh riut.--Sionnach 09:50, 26 an Giblean 2008 (UTC)
[deasaich] Dùthchannan
Halò a-rithist! Tha deasbad ann mu chuid de ainmean nan dùthchannan, faic Talk:Dùthchannan an t-Saoghail. Air sgàths gun do rinn thusa an cuid as motha den obair seo, is dòcha gu bheil beachdan eile agad-sa. Bhiodh e math ma bhios a h-uile duine ag aontachadh air aon dòigh sgrìobhaidh. Beannachdan --Sionnach 21:13, 8 an Giblean 2008 (UTC)
[deasaich] Rang
Is e Rang neo "Rating" a tha ann an "Able Seaman" neo "AB" direach mar a bha "Powder Monkey" neo "Cook", tha "Able" a'ciallachadh "slan" (bha e cumanta gu leor gum bhiodh cas fiodh air cocaire 's a' chabhalch rioghail anns an 18mh linn). Is e gu bheil a' Chachaleith caran math air puingean eachdraidheil den seors' a bha mi ag iarraidh oire.Innleadair 23:28, 7 am Màrt 2008 (UTC)
[deasaich] Meal do naidheachd!
Is math a rinn thu leis an t-samhail anns an aiste Lus-an-eallain. Tha mi glè thoilichte sin fhaicinn. Dìreach aon rud eile: Ma chuireas tu <br> eadar na faclan: Lus-an-ròis; Righeal cùil; Righeal rìgh, (Lus-an-ròis<br>Righeal cùil<br>Righeal rìgh) bidh iad a' nochdadh mar seo:
Lus-an-ròis
Righeal cùil
Righeal rìgh
Is dòcha gu bheil sin a’ coimhead nas fheàrr. Beannachdan --Sionnach 17:41, 23 an Gearran 2008 (UTC)
[deasaich] Beathach
Ciamar a tha thu? Bha Tearlach61 ag iarraidh samhail airson eoin. Mar sin dheth rinn mi fear ùr, seo e: Template:Beathach. Ma bhios mionaid agad, saoil, am b'urrainn dhut coimhead air an duilleg seo: Template talk:Beathach, o chionns nach eil mi cinnteach a bheil na faclan ceart gu leòr? Mòran taing -:) --Sionnach 19:56, 20 an Gearran 2008 (UTC)
- Tapadh leat airson do chuideachaidh! Chuir mi freagairt an seo. Ach 's urrainn dhomh na faclan Gàidhlig atharrachadh a-rithist, ( ma bhios beachd eile agad-sa), tha sin furasta ri dèanamh a-nis. Beannachdan --Sionnach 21:30, 21 an Gearran 2008 (UTC)
[deasaich] Bobhta Bidhiste
Bobhta Bidhiste: Seorsa prine tiugh le snath an cruth"bidhis" air a ghrobadh mun chuairt a fhàd. Ni e a h-aon cnog ri colb- ach gabh a fhuasgladh gun gearradh a cheann dheth. Ged nach faicear iad gu tric an duigh, bha cruth bhobhta nas sine, teanaichte le geinne: bith toll tro cas de bobhtaichean den leithid, agus theid an ceangail le cur prine neo geinne troimhpeInnleadair 23:34, 19 an Gearran 2008 (UTC)
[deasaich] Bruthadh agus Teannachadh
Chan eil mi idir airson cleachdadh teannachadh an aite bruthadh, oir faodaidh teannachadh a chomharraich sineadh neo dluthadh: Gabh beachd air bobhta-bhidhiste, uidheamaichte le cno, agus am bobhta a' cumail da leac stailinn ri cheile: Ma bhitheas cuideigin a' teannaich an cno air a bhobhta, teannaichear an da leac ri cheile, ach anns an teannachadh seo ged a bhitheas an da leac a bruthadh nas tinne ri cheile, theid sineadh agus rigneachadh? (rud a tha calg direach an aghaidh bruthadh)air a bhobhta fhein. (Actionem quod semper reactionem mar a sgriobh Issac Newton). Innleadair 22:11, 15 an Gearran 2008 (UTC)
[deasaich] Faclair Matamataig
Tha e agamsa mar a tha agus tha mi ga cleachdadh gu ire. Tha difir cudthromach eadar ceart-cearnach inghar agus direach: Cha bhi loidhne a ag eirigh gu direach bho claon-bhord ceart cearnach ris ach anns an raon a tha ceart chearnach ri loidhne bu chas a' chlaonaidh. Mas math mo chuimhne is e "inghar" a bha an t-ainm air inneal a bha clachdairean a'cleachdadh anns na h-eileanan a leigeil a mach aghaidh balla inghar (airson taighean) agus aghaidh fiarach (airson ballan-uchd). Tha deagh seans gu bheil mi a chuir car air mo fhein an drasda!!!Innleadair 14:10, 15 an Gearran 2008 (UTC)
[deasaich] Bruthadh
Steaphan, Cha creids mi nach eil e mi air cuir leth-phost-dhealain riutsa a mhinich an aobhar a roghainn mi bruthachd an aite "bruthadh". Tha mi deonach a ghabhail le bruthadh ach tha eagal orm gur e meirge a bhi ga cleachdadh anns an doigh seo: thig sin soillear an beagan bliadhnaichean nuair a bhios sinn ann an suidheachadh le clann anns an ard-sgoil comasach a thuigsinn an difir eadar "pressing agus pressure" ach air staing nuair a bhitheas luchd theagaisg croichte leis an aon fhacail "bruthadh" airson an da choinceap. Moran taing airson an tinne don BhBC. Bha torr stugh math aca o chionn fhada ach tha cuid dheth air falbh on larach-lin aca. Bhithinn faiceallach mu deidhinn na liosdaichean facal an sin co dhiubh: Tha cuid de na h-eadar theangaich a dheanamh facail an-ard ro thric ged 's a tha facal cumanta ann mar a tha: Teilesgop airson "Prosbaig" mar eisimplir. Eisimplir eile "puing" an aite "ceum"- tha eolaiche air a bhi cleachdadh am facal "ceum" fad bliadhnaichean mora an da chuid airson tomhais de uilnean agus tomhais de teasad. Gabh beachd air "Seachd Ceum Celsius", mar a chanas am BBC fhein: Tha an a sgal teasad Celsius a roinneadh an difir eadar teasad uisge na reothadh agus teasad uisge na ghoilleadh ri ceud ceum. Nuair a leughas sinn puing air an sgal, canaidh sinn seachd ceum o chionns gur e seachd ceum an dail eadar am puing a bhitheas sinn a' leughadh agus neoni an sgail. Nuair a' cleachdas cuideigin am facal "puing" an aite "ceum" chan eil iad a' comharrachadh ach nach do thuigse iad an cuise anns a chiad dol a-mach. Bithidh teagamhan mar seo a nochdadh fad an t-siubhal. Feumaidh mi falbh. Oidhche nam Parant aig AS Port Righ Innleadair 18:47, 13 an Gearran 2008 (UTC)
[deasaich] Deiseil
Tha an liosta: Àisia deiseil. Tha mi an dòchas nach eil mearachdan ann. A-nise tha mi a' toiseachadh leis na prìomh-bhailtean agus na dùthchannan. Ma bhios sunnd/ùine agad, saoil, am b'urrainn dhut loidhne neo dhà nas fheàrr a sgrìobhadh anns an aiste mu Àisia? (Dìreach ma thogras tu!) Beannachdan --Sionnach 16:26, 8 an Gearran 2008 (UTC)
[deasaich] Halò
Ciamar a tha thu? Tha e math d' fhaicinn air ais a-rithist! --Sionnach 19:21, 17 January 2008 (UTC)
Gu math, tapadh leat ach trang. 'S tu fhèin? Chan eil mòran tìde agam fhathast. Ach bidh mi air ais an ath-mhìos, tha mi smaointinn agus an uairsin, feuchaidh mi air meall mòr altan a-rithist! --Steaphan30 16:06, 26 am Faoilteach 2008 (UTC)
- Tha mi fhìn glè mhath, tapadh leat. Tha mi trang air Afraga fhathast, a h-uile dùthaich, prìomh-bhailtean amsaa... Ach is dòcha gum bi mi a' toiseachad le Àisia an ath-mhìos. Tha mi cinnteach gum bi tòrr cheistean agam-sa a-rithist, mar as àbhaist -:) --Sionnach 16:25, 26 am Faoilteach 2008 (UTC)
-
- Biodh mar a bhitheadh! Bidh mi tuilleadh is deònach cuideachadh a thoirt dhuit. Agus, 's dòcha gum bi ceistean agam fhèin ort a bharrachd! --Steaphan30 05:38, 27 am Faoilteach 2008 (UTC)
[deasaich] Àireamh ISBN
Saoil, a bheil àireamh ISBN agad airson an leabhar: Faclan is Abairtean à Ros an Iar;Roy Wentworth? Bhiodh e math, nan cuireadh tu i ris an leabhar. Chì thu eisimpleir a rinn mi air an fhaclair Dwellys.
Agus rudeigin eile: Tha mi a' faicinn gum bi an duilleag seo a' fàs ro fhada. Ma thogras tu, 's urrainn dhomh tasglann a dhèanamh leis an seann chòmhradh, mar a tha e anns an duilleig agam-sa. --Sionnach 20:32, 24 November 2007 (UTC)
-
- Halò. Chan eil, o chionn 's gur e download a th'agam bho làrach SMO. Bha an download sin agam mus do nochd e mar leabhar aig Comhairle nan Leabhraichean. Tha cead aig daoine ga chleachdadh saor 's an-asgaidh cho fad 's nach tèid a sgaoileadh no a reic 's mar sin air adhart. Sin a-rèir toil an ùghdair fhèin nach maireann.--Steaphan30 01:24, 25 November 2007 (UTC)
- Tha sin duilich nach eil àireamh ISBN air. Co-dhiù, chuir mi ceangal eile ris. Na mo bheachd-sa bhiodh e math sealltainn far am bi na leabhraichean Gàidhlig. Tha mi an dòchas gum bi thu ag aontachadh rium.--Sionnach 07:20, 27 November 2007 (UTC)
- Halò. Chan eil, o chionn 's gur e download a th'agam bho làrach SMO. Bha an download sin agam mus do nochd e mar leabhar aig Comhairle nan Leabhraichean. Tha cead aig daoine ga chleachdadh saor 's an-asgaidh cho fad 's nach tèid a sgaoileadh no a reic 's mar sin air adhart. Sin a-rèir toil an ùghdair fhèin nach maireann.--Steaphan30 01:24, 25 November 2007 (UTC)
[deasaich] Samhail nan Cànanan a-rithist
Hi, ciamar a tha thu? Tha mi duilich, bha mi trang a choimhead an dèidh duine ùr eile, agus anns an real live cuideachd. Ach a-nis tha beagan uine agam. A bheil thu ag iarraidh Samhail nan Cànanan fhathast?--Sionnach 21:44, 8 November 2007 (UTC)
Tha. Bhiodh sin math dha-rìreabh. Bu mhath leam tiotalan mar na leanas: Fuaimneachadh (mar eisimpleir, phonetics: /ˈɪŋɡlɪʃ/ (English); Ga labhairt/bruidhinn ann an; Luchd-labhairt iomlan - (Luchd-labhairt dùthchasach/Cànan màthaireil/Ciad chainnt-Dàrna Chainnt (ma bhios sin iomchaidh); Reangach; Teaghlach-chànan; Inbhe Oifigeil (i.e Cànan oifigeil ann an~), (Air a riaghladh le~); Còdan Cànan. Bhiodh tiotal mar siostam-sgrìobhaidh no siostam-litreachaidh feumail cuideachd. 'S i obair mhòr a bhios innte, ach chan urrain dhomh fhèin samhail a dhealbhachadh, mar sin dheth, tha mi an eisimeil do chuid sgilean teicnigeach! --Steaphan30 03:53, 9 November 2007 (UTC)
- Seall air an duilleig seo. An e sin mar a tha thu ga iarraidh? 'S urrainn dhomh atharrachaidean eile a dhèanamh, dìreach innis dhomh, càite.
- Agus rudeigin eile: Mholainn-sa gun dean thu copy 's paste gu cànanan eile, m.e. Iapanais neo Beurla. An uair sin chì thu am bi e obrachadh ceart neo is dòcha far a bheil mearachdan anns an Layout.--Sionnach 09:50, 9 November 2007 (UTC)
- Tha, agus chan eil. Chan eil mi ag iarraidh "Dàrna chànan" sa leithid mura h-eil e freagarrach airson a' chànain air a bheil an aiste. Chan eil mi ag iarraidh "phonetics" sa Bheurla a bhith ann ron "phonetics" mar gum biodh. Ach, tha sin faisg air na tha mi ag iarraidh. Aon rud eile an gabh àite fhàgail ann airson mapa a chur ris? Mapa a sheallas far am bheil an cànan ga bhruidhinn.--Steaphan30 15:17, 9 November 2007 (UTC)
- Mar seo? Chuir mi mapa sam bith ris, dìreach mar eisimpleir.--Sionnach 23:50, 9 November 2007 (UTC)
- Tha sin math. Ach, an robh thu gam thuigsinn a thaobh nam "phonetics"? Air a' bhicipèidia Beurla, gheibhear ainm a' chànain mar a bhitheas a' cantainn ris anns a' chànan sin fhèin. Mar eisimpleir: Pronunciation: /ˈɪŋɡlɪʃ/[38] no [dɔɪ̯tʃ] agus mar sin air adhart. Mar sin dheth, 's e Fuaimneachadh a th' againn air agus an uairsin na litrichean fogharach . --Steaphan30 01:44, 10 November 2007 (UTC)
- Mar seo? Chuir mi mapa sam bith ris, dìreach mar eisimpleir.--Sionnach 23:50, 9 November 2007 (UTC)
- Tha, agus chan eil. Chan eil mi ag iarraidh "Dàrna chànan" sa leithid mura h-eil e freagarrach airson a' chànain air a bheil an aiste. Chan eil mi ag iarraidh "phonetics" sa Bheurla a bhith ann ron "phonetics" mar gum biodh. Ach, tha sin faisg air na tha mi ag iarraidh. Aon rud eile an gabh àite fhàgail ann airson mapa a chur ris? Mapa a sheallas far am bheil an cànan ga bhruidhinn.--Steaphan30 15:17, 9 November 2007 (UTC)
[deasaich] Aimearaga Mheadhanach?
Chunnaic mi anns a'Wikipedia Beurla gu bheil dà rud ann:
- Central America, dìreach na dùthchannan a-mhàin
- Middle America, na dùthchannan agus na h-eileanan.
Dh'fheuch mi ri eadar-theangachadh a dhèanamh, ach anns an fhaclair agamsa tha central agus middle an aon rud: meadhan neo meadhanach. A bheil beachd sam bith agad mu dheidhinn sin? --Sionnach 09:32, 21 October 2007 (UTC)
- Leis an fhìrinn innse, cha chuala mi Middle America agus Central America nas motha, ach nuair a thòisich mi air ceangail Interwiki a lorg airson Aimearaga Mheadhanach, chunnaic mi gun robh dà duilleag anns a' Wikipedia Beurla! Chuir sin iongnadh orm agus chan robh mi cinnteach dè dèannain le sin.
- Tha thu ceart, 's e "The Caribbean" a th' air na h-eileanan ri taobh Meadhan Aimeireaga anns a' Bheurla. Tha mi a' smaoineachadh gum bi mi a' dol le The Caribbean aig an àm seo agus fàgaidh mi Central/Middle America airson àm eile.
- A bheil facal Gàidhlig agad airson "The Caribbean"? Cha do lorg mi dad sam bith.--Sionnach 07:20, 26 October 2007 (UTC)
- Dè do bheachd mun fhacal: Na h-Innseachan an Iar (West Indies) airson The Caribbean? B' e seo an t-ainm a bha orra bho thùs.--Sionnach 11:08, 28 October 2007 (UTC)
- Deagh bheachd! Mholainn-se Cairìbic airson (the) Caribbean agus Muir Chairìbianach airson Caribbean Sea. Am bi sin ceart gu leòr?--Sionnach 07:06, 30 October 2007 (UTC)
- Dè do bheachd mun fhacal: Na h-Innseachan an Iar (West Indies) airson The Caribbean? B' e seo an t-ainm a bha orra bho thùs.--Sionnach 11:08, 28 October 2007 (UTC)
Cairìbic? Duilich, bha mi a’ feuchainn ri litreachadh Gàidhlig a chur air the Caribbean. Ach is dòcha gu bheil am facal seo ro fhaisg air Gearmailtis agus chan eil mi math air litreachadh co-dhiù.
Ma tha thu a' choimhead air an dà aistean anns a' Wikipedia Beurla, Caribbean agus Caribbean Sea, seo sin na dà fhaclan a tha dhìth orm.
Thuirt thu: Rudeigin mar A' Chaireabianach? Tha mi duilich ach na mo bheachd-sa chan eil an litreachadh timcheall am "b" a' coimhead ceart. A-nise, dè do bheachd mu Muir Chairibianach neo Muir Chairibeanach? Ach chan eil mi idir cinnteach mu (the) Caribbean; feumaidh ainmear (Noun) a bhith ann.
Tha mi an dòchas nach bi thu a’ fàs sgìth den deasbaid seo, ach bu toil leam facal ceart fhaighinn agus tha mi gu math taingeil airson do chuideachadh!--Sionnach 18:49, 31 October 2007 (UTC)
- Na gabh dragh! Tha mi a' smaoineachadh gum bi A' Chairibìan ceart gu leòr. Agus ma bhios facal nas fheàrr a' nochdadh, s'urrainn dhuinn an aiste a ghuasad, co-dhiù. Sgrìobh mi aiste beag : Muir Cairibianach. Tha mi an dòchas gu bheil an tiotal ceart, tha e mar a chunnaic mi feadhainn eile air an duilleag Muir. Beannachdan--Sionnach 21:50, 2 November 2007 (UTC)
[deasaich] Samhail nan Cànanan
Bha mi a' coimhead air na Infoboxes Cànan anns na Wikipedias eile. Is toil leam am fear anns a' Wikipedia frangach. Chuir mi e anns an duilleag seo. Agus seo eisimpleir ciamar bhios e a' choimhead anns an aiste:Anglais. Chan eil mi cinnteach fhathast gum bi e ag obrachadh ceart gu leòr, ach 's urrainn dhuinn feuchainn. Dè do bheachd?--Sionnach 05:31, 15 October 2007 (UTC)
Chunnaic mi gu bheil fear eile ann: Template:Gàidhlig. Chan e Template ceart a th' ann, ach tha e anns a' Ghàidhlig.--Sionnach 20:35, 15 October 2007 (UTC)
[deasaich] Gu bhith deiseil
Tha mi gu bhith deiseil leis an Template:Dùthaich. Chì thu e an seo. Am b'urrainn dhut coimhead air na faclan a-rithist, gu h-àraid air na faclan anns na {{{ }}} anns a' chiad phàirt? 'S e sin na faclan as cudthromaiche, cha bhiodh e furasta gan atharrachadh. ( An aon rud mar a bha e le àrain agus farsaingeachd ann an Template:Baile). Ach 's urrainn dhut an template a chleachdadh airson dùthchannan ùra eile. (Tha mi an dòchas gu bi e ag obrachadh ceart a-nise!)
Abair obair a rinn thu! Chunnaic mi an ceangail Beagan Iapanais, tha sin fìor innteanach! Agus tha thu a' fàs cho math leis na doighean Wikipedia cuideachd! Beannachdan--Sionnach 10:01, 12 October 2007 (UTC)
- Mòran Taing! Seo e a-rithist. A bheil e ceart gu leòr a-nise?
- Lorg mi facal airson sovereignty type. Lorg mi am facal uachdranas ann am Faclair na Pàrlamaid airson sovereignty. Dè do bheachd mu seòrsa-uachdranais? (Ann an doigh tha e coma, cha bhi am facal a' nochdadh anns an aiste cò-dhiù.)--Sionnach 11:34, 12 October 2007 (UTC)
-
- Seo an ceangail gu uachdranas: http://www.scotland.gov.uk/dictionary/_bin/
- Nan cuireadh tu sovereignty ann, gheibheadh tu e.--Sionnach 13:06, 12 October 2007 (UTC)
[deasaich] Ball-coise
Nach math a rinn thu leis na bocsaichean fiosrachaidh! Tha sin a' choimhead fada nas fheàrr!
Tha mi ann fhasthast, ag obair air an Template Dùthaich. Ach gu mi-fhortanach chan eil am pròiseict a' leantainn air adhairt ma thogras mi. Tha mi fhathast a' feitheamh airson cuideachadh bho Wikipedia na Gearmailt neo Wikipedia Beurla.
Dìreach rud beag eile: Ma sgrìobhas tu air duilleag deasbaireachd, bhiodh e math d'ainm a chur rithe.--Sionnach 06:12, 4 October 2007 (UTC)
[deasaich] Template:Dùthaich
Mar a thuirt mi air an duilleag agam-sa, thòisich mi air samhail eile. Chì thu a' chiad cheum air an duilleag seo: User:Sionnach/Template:Dùthaich. A-nise, ma bhios beagan uine agad (tha fios'am gu bheil thu uabhasach trang), coimhead dìreach air na faclan anns a' bhocsa fiosrachaidh fhèin, gu h-araid air an làimh chlì. S' e iadsan na faclan a bhios a' nochdadh anns an Template. Na gabh dragh mu na faclan gearmailteach neo an stuth anns a' "Pharameter".
Agus ceist eile: Dè do bheachd mun "layout"? Is dòcha gu bheil an Laoidh Nàiseanta agus an National Motto nas fheàrr eadar na brataichean agus am mapa... ?? Agus na bocsaichean beaga eile..?? A bheil fiosrachadh gu leòr ann..? A bheil dhìth air loidhne eile...? Chan eil mi ag iarraidh a h-uile rud a chur romhan (to decide?) leam fhèin.--Sionnach 15:32, 28 September 2007 (UTC)
-
- Chuirinnsa fhèin sluagh-ghairm nàiseanta air National Motto. Ged 's e facal-suaicheantais a th' aig stòr-dàta air. 'S e slogan a th' ann am motto, cha mhòr, nach e?--Steaphan30 13:18, 29 September 2007 (UTC)
[deasaich] Dùthchannan an t-Saogail
Thoisich mi air eadar-theangachadh a dhèanamh air Dùthchannan an t-Saoghail, dìreach a' coimhead dè an t-ainm a tha orra anns a' Wikipedia Gàidhlig. Ma bhios sunnd (agus uine) agad, cuidich mi. Agus chuir mi ceangal ann gu duilleag Cruinn-eòlas cuideachd.--Sionnach 06:33, 18 September 2007 (UTC)
- Bheir mi cuideachadh ma bhios ùine gu leòr agam, ach tha trioblaid ann leis a' chompiùtar agam. Chan urrainn dhomh na litrichean "e", m, q no j a chur a-steach ann air an dòigh àbhaisteach. Chan eil "enter" ag obair ceart a bharrachd. Mar sin, 's e rud gu math slaodach a th' ann an-dràsta, taipeadh a-steach sa chompiùtair. --Steaphan30 13:20, 18 September 2007 (UTC)
- Tha mi duilich cluinntinn mun choimpiùtar agad! Tha mi an dòchas nach bi thu às do rian a bhith a' taipeadh mar seo!--Sionnach 21:48, 18 September 2007 (UTC)
- Mòran taing airson do chuideachadh! ' S e obair mhòr a tha thu a' dèanamh leis a h-uile dùthaich! Cha b' urrainn dhomh eadar-theangachadh a dhèanamh mar seo air ainmean nan dùthchannan.
- Ach tha rudeigin eile agam dhut: Is dòcha gum bu toil leat sin fhaicinn:[1].--Sionnach 21:50, 23 September 2007 (UTC)
- Tha mi duilich cluinntinn mun choimpiùtar agad! Tha mi an dòchas nach bi thu às do rian a bhith a' taipeadh mar seo!--Sionnach 21:48, 18 September 2007 (UTC)
[deasaich] An Òlaind?
Sgrìobh mi pios beag eile airson An Òlaind. Ach 's e dìreach sgìre anns an Netherland a th' ann, agus mar sin dheth sgrìobhaidh mi aiste eile. Ach a' cheist mar as àbhaist: Dè am facal as fheàrr airson Netherlands a th' ann:
- An Talamh Ìseal (SMO)
- An Isealtìr (C.Mark)
- Na Tirean Isle (Akerbeltz)
Dè do bheachd?
-
- Chuir mi freagairt mun chlàr-innse air an duilleag agam-sa.--Sionnach 16:12, 14 September 2007 (UTC)
[deasaich] Iomradh
Ma tha thu ag iarraidh imradh a dhèanamh, cuir sin am broinn na teacsa: <ref> teacsa iomraidh </ref> . Agus an nuair sin aig deireadh na h-aiste cuir tiotal ann: Iomraidhean. Anns an ath loidhne sgrìobh dìreach: <references/>. Bidh na h-iomraidhean a' nochdadh an seo leatha fèin. Tha deagh eisimpleir ri faicinn an seo: Sagsainn-Anhalt. Cleachd mi duilleagan eadar-lion an seo.
Ma chuireas thu àireamhan neo rudan sònraichte ris an aiste bidh e nas fheàrr imradh a chur a-steach mar: "Germany Foreign Direct Investment Magazine. January 5, 2005. Retrieved 2006, 12-07".
Agus ma chleachdas tu leabhraichean, dìreach cuir liosta ann aig deireadh na h-aiste. Bhiodh sin fior mhath!
Chan eil mi buileach cinnteach mun fhacal iomradh. Chunnaic mi e àite-eigin. Is dòcha gum biodh am facal: Tùs nas fheàrr.
Tha mi an dòchas gur e sin an rud a bha dhìth ort. Mura bheil, cuir fios thugam.--Sionnach 22:11, 9 September 2007 (UTC)
- Mòran taing. 'S e sin an rud a bha dhìth orm. Na cuir dragh ort mun fhacail iomradh, tha e ceart. Cha dèanadh tùs a' chùis idir!
[deasaich] Dùthchannan an t-Saoghail
Chunnaic mi gun do rinn thu duilleag ùr. Chan eil fios agam dè bhios tu a' dèanamh leis an duilleag seo. Ach ma tha thu a' lorg a h-uile dùthaich, tha dà doigh ann:
- Thig chun "Duille Mòr". Chì thu na bocsaichean beaga. Tha fear ann: "Saidheansan Daonna". Chì thu am facal: Cruinn-eòlas. 'S e sin a' phrìomh-duilleag, far a bheil na liostaichean a' toiseachadh. Tha na liostaichean cheangailte leis na tiotalan. M.e.: Tha liosta ann leis a h-uile dùthaich ann an Àisia fon thiotal: Dùthchannan ann an Àisia. Tha cuimhne agam gun robh mi air mo chall airson uine fhada mus d'fhuair mi a-mach far an robh na liostaichean.
- Tha liosta eile ann: List of countries (anns a' Bheurla). 'S e sin an liosta mu dheidhinn na dùthchannan a tha dhìth air a h-uile Wikipedia. Ach feumaidh sinn a bhith faiceallach leis an liosta seo, o chionn's nach eil ath-stiùiridh bho Beurla gu Gàidhlig aig a h-uile dùthaich.
Tha mi den beachd nach eil an duilleag: Cruinn-Eòlas uabhasach math. Air aon làimh bu toil leam beagan sgioblachaidh a dhèanamh, ach air an làimh eile b' e tòrr obrach ann. Co-dhiù, rinn mi bocsa fiosrachaidh eile mu Àisia agus chuir mi e air an duilleag seo. `S urrainn dhomh feadhainn eile a dèanamh. Dè do bheachd?--Sionnach 23:11, 8 September 2007 (UTC)
[deasaich] Ainmean dùthchannan na Roinn Eòrpa
Bha mi ag obair air an Roinn-Eòrpa a-rithist agus bha an ceangal do na duilleagan sònraichte aig SMO a thug thu dhomh uabhasach feumail dhomh. Chan robh fios agam gun robh iad an sin. Choimhead mi air liosta ainmean nan dùthchannan o chionns gu bheil mi ag iarraidh ainmean Gàidhlig airson dùthchannan na Roinn-Eòrpa. Bha cuid ann a tha ceart (na mo bheachd-sa), ach chan eil mi cinnteach mu na faclan seo:
- Latvia: An Laitbhe neo Laitbhia
- Belarus: An Ruis bhàn, Bealoruisia, Bealaruis
- Bosnia- Herzegovina: Bosna agus Heartsagobhana
- Macedonia: Macadòinia neo Masadoinia
- Ukraine: An t-Ùcrain (chan eil sin a' coimhead ceart, nach eil na dùthchannan boireann?)
A bheil fios agad, dè na h-ainmean as fheàrr a th' annta?--Sionnach 21:58, 5 September 2007 (UTC)
- 'S e an rud a th' ann, nach eil ainmean nan dùthchannan ud cho stèidhte fhathast ann an Gàidhlig, agus feumaidh tu bhith faiceallach mu na duilleagan sin. Bidh mi fhìn gan cleachdadh mura faigh mi an fhacail ceart ann am Faclair Akerbeltz, ach co-dhiù bidh mi an-còmhnaidh gan cinnticheadh le bhith a' coimhead air faclair Mark no Dwelly.
Ach seo na faclan as fheàrr nam bharail
Latvia - An Laitbhe Belarus - A' Bhealaruis Bosnia-Herzegovina - Bosna agus Heartsagobhana Macedonia - Masadoinia Ukraine - An Ùcrain (bha thu ceart, chan eil An t-Ùcrain ceart!)
'S e an rud gum bheileas a' cleachdadh na h-ainmean Beurla air na dùthchannan sin...fiù 's air a' BhBC.. ach seo iad mar a bu chòir dhaibh a bhith.
- Mòran taing. Tha thu ceart, 's e sin an trioblaid leis na h-ainmean ùra. Lorg mi anns an Colin Mark iad, ach cha robh iad ann. Agus ach robh Bosna-Heartsagobhana ann aig àm Dwellys. Ach tha mi toilichte mun Ùcrain, mar sin dheth chan fhaod mi an duilleag seo glusad.--Sionnach 18:17, 6 September 2007 (UTC)
[deasaich] ...ag obair air aiste eile
Hi! An dràsda tha mi ag obair air aiste mu Robert Koch. Ach tha pairt neo dhà innte far nach eil mi cinnteach mun Ghàidhlig agam, (mar as àbhaist). Mar sin dheth sgrìobh mi piosan beaga anns a' Bheurla ann am broinn na h-aiste agus chuir mi i air an àite-cluich agamsa. Ma bhios sunnd agad, bhithinn gu math taingail airson cuideachaidh bhuath. --Sionnach 07:35, 2 September 2007 (UTC)
[deasaich] Saideal nàdarrach
Dè fo ghrian a tha ann an Saideal nàdarrach? Tha saideal a' ciallachadh Satelite, ach natural satelite? Chan eil sin a' toirt ciall dhomh. Tha mi ag iarraidh interwiki links a chur ris, agus mar sin dheth tha dìth orm airson an fhacail ceart anns a' Bheurla.
- Sgrìobh mi rud beag mun Iapan anns an duilleig agam cuideachd.--Sionnach 21:58, 30 An Lùnastal 2007 (UTC)
- 'S e a th' ann an Saideal nàdarrach ach Natural Satellite! 'S e briathar a th' ann ann an Reul-eòlas, agus cha do rinn mi ach Gàidhlig a chur air a' bhriathar Beurla. Chan eil eòlas sam bith agam fhèin air Reul-eòlas, ach bha mi ag ionnsachadh bhon duilleagan Wikipedia Beurla gur e nì a th' ann, nach do rinneadh le làmh mac-an-duine, a bhios a' cuartachadh planaid no rudeigin eile a tha nas motha na e fhèin. Mar as trice, 's e gealach a chanas sinn ris!
[deasaich] A' Ghealach
Tha sibh ceart. 'S mise a bha a' cruthachadh A' Ghealach, ach nuair a fhuair mi a-mach gun robh duilleag ann mar-thàà, air a bheil An Gealach, dh' fheuch mi ri An Gealach a ghluasad gu A' Ghealach. Cha do leig e leam sin a dhèanamh!
- Na gabh dragh!!! Tha Wikipedia na Gàidhlig làn aistean air a bheil dà thiotal! Cha b' urrainn fios a bhith agaibh, gu bheil e rud beag doirbh dà aiste a chur ri chèile. Tha mi duilich nan robh mi ro chruadh oirbh. Is toil leam gu mòr an obair a tha sibh a dhèanamh an-seo!
- Rud eile: O'chionns goirid sgrìobh mi aiste bheag mu Nicolaus Copernicus. Ma bhios uidh agaibh, bhithinn gu math taingeil airson ceartachaidh fhaighinn (mearachdan agus stoidhle).
- Faicaibh cuideachd air an duilleag agam-sa mun Iapan.--Sionnach 22:26, 29 An Lùnastal 2007 (UTC)
- Dh' fheuch mi ri sin a dhèanamh ach cha robh e comasach, A Page of that name already exists.
- Duilich, bha mi den beachd gur e sibhse a bha a' cruthachadh an duilleag A' Ghealach. Tha mi ag obair fhathast air an trioblaid seo, is dòcha nach urrainn ach administrator a chur na duilleagean ri cheile. Feumaidh mi bruidhinn ri caraid/admin anns a' Ghearmailt an toiseach.
- Seall air an duilleag agam-sa, rinn mi beagan obair air crios na greine.--Sionnach 15:36, 29 An Lùnastal 2007 (UTC)
Tha mi toilichte gur faicinn an seo a-rithist! Mòran taing airson na atharrachaidean a rinn sibh ann an Oilthigh Chill Rìmhinn agus Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh Dhùn Èideann cuideachd! Tha mi toilichte a chluintinn nach eil iad cho dona. (Duilich, ach tha mi daonnan a' ghabhail dragh mun Ghàidhlig agam-sa.)
Agus bheir mi sùil nas mionaidiche air an aiste mu Template: bailtean a dh' aithghearr, ach tha e a' coimhead glè mhath an-dràsda.
Uill, chunnaic mi gun robh sibh trang cuideachd. Ach rud eile: Chunnaic mi gun do thòisich sibh duilleag ùr: A' Ghealach. Ach tha duilleag eile ann ged nach eil an tiotal ceart: Gealach. Mholainn-sa gum bi sibh a' gluasadh an aiste Gealach gu A' Ghealach an toiseach, mar a rinn sibh leis an Saoghal. An uair sin 's urrainn dhuibh an aiste atharrachadh, neo aiste eile a chur ann. Tha sin fada nas fhasa. A-nise feumaidh sinn an dà aiste a chur ri chèile, agus chan eil mi cinnteach fhathast, ciamar a ni mi sin. Ach chan fhaod sinn copy is paste a dhèanamh le duilleag/aiste idir! Tha sin toirmisgte anns an Wikipedia, o chionns gu bheil eachdraidh na duilleige air chaill.
Chi sibh gun do chuir mi freagairt mun Iapan agus rudan eile anns an duilleig agam-sa.--Sionnach 22:05, 28 An Lùnastal 2007 (UTC)
[deasaich] Template baile
Duilich, ach seo mise a-rithist! Am b’urrainn dhuibh cuideachadh a’ toirt rium a-rithist? An-dràsda tha mi ag obair air Infobox ceart airson bailtean. Tha e gu bhith deiseil, ach is toil leam “Instructions” a chuir ris cuideachd, anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. Seallaibh air an duilleag User:Sionnach/Template:Baile, ‘s e an àite-cluich agamsa. Chuir mi e ann anns an dà chànnan, ach chan eil mi cinnteach idir mun eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Tha sin fada ro doirbh dhomh-sa, ach bu toil leam Gàidhlig ceart a bhith ann.
Thanks to your great explanations about ceàrn, sgìre ... I got the idea of creating a real Infobox for cities. Its almost ready, but I would like to add an instruction how to use it, in Gàidhlig and in English. I put an example on my sub-page User:Sionnach/Template:Baile. I would really appreciate if you could have a look at it, because neither English nor Gàidhlig is my native language. Sorry to bother you again, but there doesn’t seem to be anybody around here right now with good Gàidhlig! As this will be one of the more official pages, the Gàidhlig should be better than mine.
P.S You can use my sub-page to play around with it, if you want to. Don’t be afraid if you mess it up, its not the original.
Mòran taing--Sionnach 21:31, 22 An Lùnastal 2007 (UTC)
S e Oilthigh Chill Rìmhinn agus Oilthigh Obar Dheathain a th' orra. Bheir mi sùil air na h-aistidhean agaibh ann an ùine nach bi fada.
Tha ceist agam a-rithist. Dè am facal ceart a tha air : University of St Andrews? An e Oilthigh Chill Rìmhinn neo Oilthigh Cill Rìmhinn a th’ ann? Agus am fear eile: University of Aberdeen: Oilthigh Obair Dheathain neo Oilthigh Obar Dheathain ? Ma bhios beagan uine agaibh, bu toil leam nam biodh sibh a’ coimhead air an dà aiste cuideachd: Oilthigh Chill Rìmhinn agus Oilthigh Obair Dheathain. Dìreach airson na mearachdan a rinn mi.
Tha Skype agam-sa a-nise. 'S e “madadh-ruadh” an ID agam. Bhiodh e sgoinnel còmhradh a dhèanamh. --Sionnach 22:22, 15 An Lùnastal 2007 (UTC)
Na gabh dragh! Chuir mi an dealbh air ais, tha i ann a-nis. Ma tha sibh a' sgrìobhadh fo-thiotalan (?), cuir an teacsa ann an-dèidh an |. Feuch a-rithist e, ma thogras sibh. --Sionnach 06:10, 13 An Lùnastal 2007 (UTC)
- Ghluais! Ach, chan e ach "copy is paste" as urrainn dhomhsa a dhèanamh, seach air na bhios sibh fhèin comasach!
- Tapadh leibh airson na h-infobocsa as ùr a rinn sibh. Tha na faclan a' coimhead ceart nam bheachd. Chan eil cinnt ann dè am facal as fheàrr air "Prefecture". Ach, chanainn-sa gu bheil "ceàrn" ga cleachdadh airson sgìrean mòra, mar Canto, agus tha "sgìre" nas lugha. Mar eisimpleir, gheibhear "parochial" airson "sgìreil", agus 's e "parish" a th' oirre a thaobh mapa na h-Alba fhèin. 'S e "district" a th' air "ceàrn" air mapa na h-Alba. Mar sin dheth, tha Saitama na sgìre anns a' cheàrn Kanto....air neo, dh' fhaoidte gum biodh "roinn" ceart gu leòr.
- Agus tha thu ceart, 's e "plateau" a' Bheurla air "Àrd-thìr".
Chunnaic mi gun do ghluais sibh Infobox bho aon aiste gu aiste eile. Rinn sibh glè mhath!
Bha mi trang a-rithist agus rinn mi Infobox airson bailtean. Bha mi ga iarraidh co-dhiù, o chionns gu bheil mi a’ sgrìobhadh aistidhean beaga mu phrìomh-bailtean na Roinn-Eòrpa. Bu toil leam ma bhios sibh a’ coimhead air na faclan Gàidhlig, chan eil mi cinnteach idir, idir, an iad na faclan ceart? M. e.: a bheil duthaich neo stàit nas fheàrr? Chì sibh e air an duilleag Kawagoe (neo fear nas sine: Tórshavn) Chuir mi dealbhan ann cuideachd, tha mi an dòchas gu bheil iad a' còrdadh ruibh.
Agus ceist eile: Dè am facal Beurla a th’ann airson: Àrd-thìr? A bheil sin a’ ciallachadh: Plateau? Bu toil leam ceangail gu cainntean eile a chùr ann. Rud eigin eile: chuir mi post-dealain thugaibh mu Skype.--Sionnach 14:04, 12 An Lùnastal 2007 (UTC)
- Math dha-riribh! Mòran taing airson ur cuideachadh le Bismarck. Tha sin fada nas fheàrr. ‘S e sin dìreach an rud a tha dhìth orm.
Ach bha ceist ann cuideachd: ( A thaobh poileasaidhean cèin chùm e na stàitean Eòrpach ann an seasmhachd phoileataigeach.) [Chan eil mi cinnteach dè is ciall dha seo.] Bha mi ag iarraidh ri ràdh: Concerning the foreign policy he kept the European states in a political balance.
Saoil an dèanadh sibh “infobox” dhan duilleagan Jim MacGilleEathain agus Craig Levein cuideachd? Mar a th’ aca air na duilleagan Beurla?
- Ni mi sin, gu dearbh. Ach feumaidh mi barrachd obair a dhèanamh orra, chan eil na dàthan ag obrachadh ma tha mi gan iarraidh.
- Tha bocsa-fiosrachaidh airson Jim MacGilleEathain deiseil. (anns a’ Bheurla, duilich!) Chì sibh e air an duilleag deasbaireachd Jim MacGilleEathain. Am b'urrainn dhuibh eadar-theangachadh a dhèanamh a-rithist?
--Sionnach 16:32, 8 An Lùnastal 2007 (UTC)
- Mòran taing gum bi sibh deonach cuideachadh a thoirt dhomh. Uaireanan bidh mi ag obair air artaigail a dh’ fheumas a bhith anns a h-uile Wikipedia. Seo e: Otto von Bismarck. Bhidheadh e math nan ceartaicheadh sibh na mearachdan neo nan cuireadh sibh fios thugam anns an duilleag deasbaireachd ma tha mi a’ sgrìobhadh sguadail.
- Chan eil Skype agam an-dràsda, ach gheibh mi e. Bu mhath leam còmhradh a dhèanamh, bhiodh sin fìor mhath!--Sionnach 17:35, 7 An Lùnastal 2007 (UTC)
Duilich, ach rinn mi ceangail cearr airson na Infoboxes. Seo e a-rithist: http://en.wikipedia.org/wiki/Wikipedia:Template_namespace
Uill, chluich mi rud beag leis na Infoboxes, agus rinn mi fear airson Pàirc Thanachais. Chi sibh e anns an duilleag deasbaireachd Pàirc Thanchais.
Ach chuir mi na faclan Beurla ann, o chionns nach eil mi cinnteach mun na faclain ceart anns a’ Ghàidhlig. Mas toil leibh e, dìreach sgrìobhaibh na faclan Gàidhlig anns an duilleag deasbaireachd cuideachd agus cuiridh mi iad anns an àite ceart. Ma tha sibh ag iarraidh loidhne eile, cuiribh fios thugam cuideachd.
Agus rud- eigin eile: Tha mi a’ faicinn gu bheil ur cuid Gàidhlig fìor mhath. Mar sin bhithinn-se gun math tàingeil airson cuideachaidh le mo Ghàidhlig, gu h-araidh ma tha mi a’ dèanamh mearachdan, neo anns an stoidhle agam.
(Please, I am really trying to improve my Gàidhlig. So if you don’ t mind, I would really appreciate if you would correct my mistakes or point out better ways of saying something.)--Sionnach 19:19, 6 An Lùnastal 2007 (UTC)
Rinn sibh fìor mhath! Tha na dòighean deasachaidh caran toinnte, nach eil! Tha sibh a` toirt cuideachadh mòr dhomh. Mòran taing dhuibh.
Ma thèid sibh gu Dùn Dèagh Aonaichte a-rithist, chì sibh gun do dh’ fheuch mi ri “Infobox” a chur air a taobh cheart aig bàrr na duilleige. Bha mi ga sgrìobhadh dìreach mar a chunnaic mi air an duilleag Beurla mu Dundee United, ach dh’fhairtlich orm a-rithist, ged nach do rinn mi ach an aon rud `s a tha sgrìobhte air duilleag-deasachaidh na Beurla. Càite an deach mi ceàrr?
- Chan eil sin cho furasta. Tha na Infoboxes (neo Templates) dìreach ag obair anns gach Wikipedia a-mhàin. Mar sin chan eil an Infobox às an Wikipedia Beurla ag obair anns an Wikipedia Gàidhlig. Feumaidh Infobox Ball-coise a bhith ann anns an Wikipedia Gàidhlig airson sin a' dhèanamh. Ach cho fad's tha fios agam, chan eil Infoboxes ceart ann. Gheibh sibh barrachd fhiosrachaidh mu Infoboxes an-seo: http://en.wikipedia.org/wiki/Wikipedia:Template_namespace/Template
- Ach 's e sin an rud a tha ag obair anns an Wikipedia Gàidhig: Feumaidh sibh HTML Teacsa neo Java Script fhaighinn airson an Infobox a tha sibh ag iarraidh. Chaidh mi gu duilleag-deasachaidh Hibernian agus rinn mi leth-bhreac bhon teacsa neonach a tha sgrìobhte eadar na {|...class="toccolours" style="float:.....|}. An uair sin bha mi a' coimhead far a bheil na faclan a' nochadh, m.e.: Hi-bees,Sràid na Càisge, Ruairidh Petrie. Chuir mi: The Terrors anns an àite far an robh Hi-bees; Pàirc Thanachais an àite Sràid na Càisge, Eddie MacThòmais an àite Ruairidh Petrie amsaa. Cho fad's nach eil mi ag atharrachadh | neo } neo an teacsa neonach, tha sin ag obrachadh ceart gu leòr.
- Rinn mi sin anns an aiste agaibh, ach chan eil mi cinnteach gu bheil a h-uile rud a-nise ma tha sibh ag iarraidh. Mura bheil, cuir fios thugam. --Sionnach 08:35, 4 An Lùnastal 2007 (UTC)
[deasaich] A` dèanamh ceanglaichean
Ma chuireas tu
[[Dùn Dèagh
an uair sin |
agus an uair sin: Baile Dhùn Dèagh]] ann,
gheibh thu Baile Dhùn Dèagh le ceangail gu Dùn Dèagh.
Faic cuideachd: [2]Help
Neo is dòcha coimhead air duilleag eile, m. e. Hibernian agus an uair sin air "deasaich", chi thu ciamar a rinn cuideigin eile e.
Tha mi an dòchas gum bi sin a' cuideachadh dhut.--Sionnach 17:26, 30 July 2007 (UTC)
Tapadh leibh, ach chan eil mi a` tuigsinn ceart, gu mì-fhortanach. Bha mi a` feuchainn cuideachd ri faidhle upload a dhèanamh. Mar eisimpleir, a chur suaicheantas Dhùn Dèagh Aonaichte mar a th`aca air an duilleag “Hibernian”. Ged a rinn mi upload ceart gu leòr, dh`fhairtlich e orm ciamar a chuireas mi air an duilleag e.
- Duilich, ach chan eil mo chuid Gàidhlig uabhasach math. Uill, ma tha thu a' choimhead air an aiste a-rithist, chuir mi suaicheantas Dhùn Dèagh Aonaichte ann. Sgrìobh mi cuideachd am broinn an teacsa, ciamar a rinn mi sin. Chì thu e air an duilleag: deasaich. Coimhead cuideachd air an fhacal Obair Dheathain, chi thu ciamar a tha an link le dà fhacal diofraichte ag obrachadh. Tha mi an dòchas gu bheil sin nas fhearr. Mura bheil thu ag iarradh an clàr-innse, dìreach cuir às na =. --Sionnach 21:20, 31 July 2007 (UTC)
Ceud mìle taing a-rithist. Tha e a` fàs nas soilleire dhomh!
- 'S e do bheatha! Cum ort leis na h-aistidhean agad. Is toil leam gu mòr iad.--Sionnach 18:57, 2 An Lùnastal 2007 (UTC)
[deasaich] Tachartasan
'S mise cuideigin a bhios uaireannan a' cur ri Wikipedia. Mhothaich mi gun do sgrìobh thu tachartan, ach 's e tachartasan am facal as cumanta.--Steaphan30 07:17, 7 September 2007 (UTC)
- Sorry, I do not understand. Please use French, English or German. Vargenau 16:44, 7 September 2007 (UTC)
Hi, j'ai vu que vous avez écrit "tachartan" en écossais, mais c' est "tachartasan" le mot qui est correct. Est-ce que vous apprennez le gaélique?
- Dans quel article? Je ne comprends malheureusement pas le gaélique. Je fais simplement des interwikis. Vargenau 17:45, 7 September 2007 (UTC)
[deasaich] Cur às do Choirce
Carson a chuir thu às don duilleag "Coirce"? Bha mi an dùil leudachadh air. Tha mi a-nis rud beag amharasach mun ainm-ID agad, "Creachadair". A bheil thu an dùil creach a dhèanamh air Bhicipèidia na Gàidhlig?--Steaphan30 02:46, 13 November 2007 (UTC)
- Cha robh dad ann ach URL. --Creachadair 18:27, 14 November 2007 (UTC)
-
- Tha fhios 'am. Ach, 's e url a cheanglas ri làrach làn fhiosrachaidh air Coirce ann an Gàidhlig. Bha mi an dùil leudachadh air nuair a gheibh mi an cothrom. Chuir mi air e, air sàilleabh 's gun robh mi saoilsinn gur e rud math a bhiodh ann, ceangail fhaighinn a tha ri leughadh gu tùr sa Ghàidhlig. Tha an cuid as motha de na ceanglaichean a-muigh anns a' Bhicipèdia ann am Beurla.--Steaphan30 19:03, 15 November 2007 (UTC)
[deasaich] Congratulations
Tha thu administrator a nis. -- Derek Ross | deasbair 17:12, 17 am Màrt 2008 (UTC)
- Meal do naidheachd bhuam-sa cuideachd! Tha thu airidh air airson an deagh obair a tha thu a' dèanamh an seo. Agus a-nise, ma bhios ceist agad mu na "tools" ùra,...mar as àbhaist, cuir ceist thugam.-:)-Sionnach 21:39, 17 am Màrt 2008 (UTC)
-
- Faic na Mùthaidhean ùra. Thachair sin an diugh! A-nise 's urrainn dhut "Vandals " a bhacadh, duilleagean a dhìonadh neo "Spam" a chuir as, agus ma thogras tu eadar-theangachadh a dhèanamh anns an "Interface" agus rudan eile... Faic cuideachd: Wikipedia:Administrators--Sionnach 22:25, 17 am Màrt 2008 (UTC)
-
-
- 'S uarrainn dhut eadar-theangachadh a dhèanamh an seo:system messages---Sionnach 22:52, 17 am Màrt 2008 (UTC)
-
-
-
-
- Seo ceangal a bha feumail dhomh-sa en:Wikipedia:New admin school. Dìreach thòisich leis an stuth simplidh mar Vandals agus Spam.--Sionnach 23:31, 17 am Màrt 2008 (UTC)
-
-
[deasaich] Atlas
-
- Ach tha ceist agam-sa cuideachd: Leugh mi mun "Atlas Gàidhlig an t-Saoghail" ann an duilleag deasbaireachd. Dè an tiotail ceart a th' air, neo an àireamh ISBN? Bu toil leam an leabhar seo fhaighinn cuideachd, is dòcha gu bheil e math airson an obair seo. --Sionnach 21:39, 17 am Màrt 2008 (UTC)
[deasaich] De tha cearr ort?
Rinn mi a' mhorchuid den Wikipedia seo. Carson a tha thu a chur dhomh? Chan ioghnadh e gu bheil moran luchd-ionnsachaidh a' fagail na canain, agus ise sa chiste. --Creachadair 17:46, 1 May 2008 (UTC)
[deasaich] Special:Import
Tha an Special:Import fosgailte a-nis. Faic cuideachd: Help:Import.
Saoil, ma bhios mionaid agad, am b'urrainn dhut coimhead air an duilleag Help:Import? Sgrìobh mi mìneachadh mun chuspair an seo, ach chan eil mi cinnteach mun eadar-theangachadh a rinn mi. An-dràsda tha an teacsa seo dà-chànanach fhathast. Mòran taing! Beannachdan --Sionnach 18:37, 2 May 2008 (UTC)
[deasaich] Request for Help, please
Greetings Steaphan30 ,
Nice to meet you.
Could you kindly help me translate these passages into the brilliant and wonderful Gàidhlig language? Please.
- "Water baptism is the sacrament for the remission of sins and for regeneration. The baptism takes place in natural living water, such as the river, sea, or spring. The Baptist, whom already had received baptism of water and the Holy Spirit, conducts the baptism in the name of the Lord Jesus Christ. And the person receiving the baptism should be completely immersed in water with head bowed and face downward".
- "The sacrament of feet washing enables one to have a part with the Lord Jesus. It also serves as a constant reminder that one should have love, holiness, humility, forgiveness and service. Every person who has received water baptism should have their feet washed in the name of Jesus Christ. Mutual feet washing can be practiced whenever is appropriate".
Your help would be very Gratefully Appreciated, Thankyou very much. --Jose77 22:10, 15 An Cèitean 2008 (UTC)