Rianas matamataigeach
As a'Wikipedia
Is e rianas matamataigeach (no loidig matamataigeach) am fo-chuspair matamataig a bhuineas ri siostaman foirmeil agus mar a tha iad a’ cur rian air bun-bheachdan imfhiosach de chuspairean matamataig, mar tha àlaichean, àireamhan, dearbhaidhean agus giollachd fiosrachaidh. Tha ceithir fo-roinnean ann: teòiridh àlach, teòiridh ath-fhillidh, teòiridh dhearbhaidh agus teòiridh shamhailean.
Thoir an àire nach eil rianas matamataigs a th'ann ach rianas matamataigeach. Chan ann ach na roinnean rianais aig a tha tuairisgeul foirmeil matamataigeach.
[deasaich] Eachdraidh
Aig a bhunait, ’s e rianas Aristotle a th’ ann ged tha cruth ailseabra eas-chruthach air an-diugh. B'e George Boole agus Augustus De Morgan anns an Naoidheamh Linn Deug a chuir am follais dòigh òrdail matamataigeach airson rianais a mheasadh. Thàinig à seo inneal ùr a bha iomchaidh airson bun-bheachdan matamataig a rannsachadh, agus feallsanachd matamataig a shoilleireachadh gu mòr.
[deasaich] Ceangailtean a-muigh (sa Bheurla)
- Mathematical Logic around the world
- Polyvalued logic
- forall x: an introduction to formal logic, by P.D. Magnus, is a free textbook.
- Detlovs, Vilnis, and Podnieks, Karlis (University of Latvia) Introduction to Mathematical Logic. A hyper-textbook.
- Stanford Encyclopedia of Philosophy: Classical Logic -- by Stewart Shapiro.