Web Analytics Made Easy - Statcounter

See also ebooksgratis.com: no banners, no cookies, totally FREE.

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Martyn Bennett - Wikipedia

Martyn Bennett

As a'Wikipedia

B'e Martyn Bennett fear-ciùil ùr-ghnothach a mheasgaich ceòl Albannach tradiseanta agus modhannan as ùire.

Rugadh e an 17mh An Gearran 1971, ann an St. John's, Talamh an Eisg, Canada, na mhac an t-seinneadair Gàidhlig is eolaiche ainmeil, Mairead Bennett, as an Eilean Sgitheanach, a bh' ann am fear de na luchd-ciùl Albannach as cudromaiche beò an diugh.

An uair a bha e 6 bliadhna de dh'aois, thàinig iad ri Ceann a'Ghiusaich, Alba, far an deach a thogail a-measg beartas de dhualchas na h-Alba, an dà chuid Gaidhealach is Gallta, tha seo air buaidh mhòr a thoirt air a cheòl. Rinn e ceòl classigeach aig an RSAMD ann an Glaschu, far an do choinnich e ris a bhean, Kirsten, a'ceumnachadh ann an 1994.

Ged do rinn e ceòl classigeach mar cheum, thill e gu ceòl Albannach, a'cluich na fidhle is na pìob mòire agus thòisich e a'fillteadh seo le ceòl dannsa de leithid eile (air a bheil Rave no House). Thàinig a chiad chlàr, air ainmeachadh leis fhèin, a-mach ann an 1996. Bha seo an deagh àm, an uair a bha Runrig agus Capercallie a'fas sgìth is seann. Ach 's e an darna chlàr aige Bothy Culture a bha na chlach-mhìle ann an ceòl "tradiseanta" Albannach. A'tarraing air iomadach dhòighean is chultaran, 's e Hallaig le Somhairle MacGill-Eain a'leughadh a chuid bhàrdachd fhèin a th'anns an oran as miorbhailiche, ach tha e doirbh port lag a lorg air a'chlàr.

B'e Hardland an treasa clàr aige.

Dh'imrich e gu Muile ann an 1999 agus chùm e air a'fillteadh nan diofar dhòighean ri chèile gu ann Glen Lyon agus le Grit a thànaig a-mach ann an 2003.

Chaochail Martyn Bennett ann an Dùn Eideann air an 30mh la den Fhaoilleach 2005 as deidh tinneas fada le aillse. Dh'fhàg e a bhean chòir, Kirsten agus a mhàthair, Mairead.

Cainntean eile


aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -