Luanda
As a'Wikipedia
'S e Luanda (seann ainm: Loanda) na phrìomh-bhaile Angòla. 'S e Luanda am baile as motha cuideachd a tha ann an Angòla. Anns a’ bhliadhna 2005 bha 2.776.125 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha e suidhiche air a’ Chuan Siar agus mar sin dheth tha am port-mara as motha den dùthaich an seo. 'S e seo an Co-chomharran aige: 8°50'18" Deas agus 13°14'4" Ear.
Chaidh am baile mar São Paulo de Loanda a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1575 leis an rannsachair Paulo Dias de Novais às a' Phortagail. Chaidh an dùn Fortaleza São Pedro da Barra a thogail ann an 1618 agus bho 1627 b’e teas meadhan poileataigeach Angòla a bha ann an Luanda. Aig àm neo-eisimeileachd anns a' bhliadhna 1975 bha am baile gu math beartach le mòran togalaichean nuadh-aimsireil.
Tha dà pàirt anns a’ bhaile fhèin:
- baixa de luanda neo Luanda iosail, an seann bhaile le sràidean beaga agus togalaichean anns an stoidhle aig àm colonaidh.
- cidade alta, am baile ùr
Tha dà oilthigh ann:
- Catholic University of Angola, oilthigh prìobhaideach
- University of Agostinho Neto, oilthigh poblachd
Tha am port-adhair Quatro de Fevereiro Airport na laighe faisg air a’ bhaile.
Canar gur e am baile as daoire a tha ann air feadh an t-Saoghail.[1]