C.B. Dùn Dèagh Aonaichte
As a'Wikipedia
Ainm slàn | Club Ball-coise Dùn Dèagh Aonaichte |
Far-ainm | The Terrors The Tangerines The Arabs |
Stèidhichte | 1909 (mar Hibernian Dùn Dèagh) 1923 (mar Dùn Dèagh Aonaichte |
Raon | Pàirc Thanachais, Dùn Dèagh |
Comas-lìonaidh | 14,223 |
Frithealadh a b'àirde | 28,000 ri Barcelona, 1966 |
Cathraiche | Eddie MacThòmais |
Manaidsear | Craig Levein |
Lìog | Prìomh Lìog na h-Alba |
2006-07 | Prìomh Lìog na h-Alba, 9mh |
Clàr-innse |
[deasaich] Dùn Dèagh Aonaichte
`S e club ball-coise proifeiseanta Albannach a th` ann an Club Ball-coise Dùn Dèagh Aonaichte. Bhathas a` toirt am far-ainm The Terrors air a` chlub bho shean agus Na h-Arabaich air an luchd-leantainn, ach san latha a tha ann, bidh na meadhanan uaireannan a` ceangal am briathar mu dheireadh sin ris a` chlub cuideachd. `S e The Tangerines briathar eile a chanas gu tric ris a` chlub.
Tha Aonaichte an-dràsta a` cluich ann am Prìomh Lìog na h-Alba, fo stiùir Craig Levein bho fhada dhen Dàmhair 2006. `S e Eddie MacThòmais, cathraiche bhon t-Sultain 2002, aig a bheil a` chuid as motha de chòirichean a` chlub. Tha an dàrna roinn as motha aig luchd-leantainn a` chlub fo chùram ArabTRUST. Bha Tanachais a` tàladh frithealadh cuibheasach de 8,187 ann an 2005-06; an siathamh cuimheas as motha am Prìomh Lìog na h-Alba.
Tha Aonaichte air 104 bàirean a chluich (còig a bharrachd air Obar Dheathain) thairis air 22 ràithean ann am farpaisean Eòrpach. Tha sin a` ciallachadh gur iad an treasamh club Albannach as eòlaich air a bhith a` cluich annta. Nuair a bhiodh an club gu tric a` leantainn orra tro fharpaisean Eòrpach, bhiodh na meadhanan cèin a` cantail Dùn Dèagh riutha ann am mearachd – ainm club còmhstritheach na cathrach aca. Bidh seo fhathast a` tachairt air uairibh an-diugh.
Bheireadh na meadhanan Albannaich An “New Firm” orra fhèin agus air Obar Dheathain, nuair a bha iad aig àirde an soirbheachas anns na h-ochdadan. Bidh iad a` cantainn sin riutha fhathast an-diugh, ged `s e far-ainm car plaosganach on nach eil an dà chlub air dùbhlan math a thoirt dhan “Old Firm” bho chionn iomadh bliadhna.
Tha e na annas do mheud na cathrach, Dùn Dèagh, gu bheil e a` giùlan dà àrd-sgioba ball-coise proifeiseanta, CB Dùn Dèagh agus Dùn Dèagh Aonaichte. Tha an dà sgioba nan còmhstritheach làidir ris a chèile agus tha na lannan-cluiche aca mar uidhe corra cheud slat eadar a chèile.
[deasaich] EACHDRAIDH
[deasaich] Hibernian Dhùn Dèagh
1909-1923
Stèidhicheadh Dùn Dèagh Aonaichte fon ainm Dundee Hibernian ann an 1909. Ghabh iad seilbh air Pàirc Chlepington, an dachaigh a bh`aig Dundee Wanderers; agus thug iad ainm ùr air: Pàirc Thanachais (Tannadice Park).
Bha a` chiad gheama a bh`aca riamh neo-fharpaiseach nuair a chluich iad ri Hibernian Dhùn Eideann air 18mh Lùnastal, 1909. Bha an dà sgioba co-ionann aig an deireadh, 1-1.
A` chiad gheam farpaiseach a bh`aca ge-tà, b` ann ri Dundee Wanderers a bha e; bhuannaich na Wanderers an geama 2-1. An uairsin, ghlèidh iad an Cupa Charrie ionadal ri Farfair 1-0 air 23mh An Giblean, 1910.
An dèidh aon iomairt a-mhàin ann an Lìog a Tuath, chaidh a ghabhadh ann an Lìog na h-Alba air 7mh Og-mhios, 1910. Bha iad a` lìonadh beàrn a bh` air fosgladh nuair a cho-aonaich Ayr agus Ayr Parkhouse gus Ayr United a chruthachadh.
B`e Pàirc Thanachais làrach a` chiad gheama riamh a bh`aig Hibs Dhùn Dèagh ann an Lìog na h-Alba; Lìte Athletic an sgioba nan aghaidh. Ghlèidh Lìte 3-2 ach bha Hibs Dhùn Dèagh a` sìor chosnadh cliù dhaibh fhèin ann am farpaisean cupa. Bhuannaich iad cupa ionadal eile, an Cupa Siorrachd Fharfair, air a` chiad fheuchainn air 25 Màirt, 1911.
Thòisich Hibs Dhùn Dèagh air cluich ann an Cupa na h-Alba air 8mh Gearran, 1913. Bha a` chiad gheam` aca aig Pàirc Hampden far an do chaill iad 4-2 ri Queen`s Park. Nochd iad an uairsin airson a` chiad uair riamh ann an cuairt deireannach cupa nàiseanta anns an Dùbhlachd 1914. B` e sin an Scottish Qualifying Cup. Chaill iad ri Albion Rovers an dèidh dà gheama co-ionann.
Bhuail An Cogadh Mòr ge-tà air ball-coise na h-Alba gu lèir, agus chan eil rian nach tugadh an ùpraid sin buaidh air Hibs Dhùn Dèagh cuideachd. Thugadh thairis Roinn a Dhà anns an robh Hibs an sàs, agus chaidh lìogan sgìreil a chur na h-àite. Bha Hibs Dhùn Dèagh a` sàs ann an Lìog an Ear rè àm a` chogaidh air fad.
Thachair gu robh a` chiad gheama derby riamh ann an 1915 cuideachd ri Dùn Dèagh FC. `S e geama càirdeal a bh`ann aig Pàirc Dens fo chomhair 4,000 luchd-amhairc. Ghlèidh Dùn Deàgh FC an geama 4-0.
Mar a bha cùisean a` tighinn air ais chun na h-àbhaist an dèidh a` chogaidh, lean Lìog na h-Alba orra Roinn a h-Aon a leudachadh. Cha deach Roinn a Dhà a stèidheachadh as ùr a-rithist ge-tà. Dh`fhàg Hibs Dhùn Dèagh an Lìog gus cur an aghaidh an co-dhùnaidh sin; b`iadsan an aon chlub a rinn a leithid. Thill iad gu Lìog an Ear agus ghlèidh iad ann an 1919/1920 e.
Thill Hibs Dhùn Dèagh gu Lìog na h-Alba san Òg-mhios, 1920 ach b`e saoghal gearr a bh`aca ann a-rithist oir, cha mhòr nach do leig iad dhiubh an Lìog làrach nam bonn air sàilleabh diùltadh clubaichean Roinn a h-Aon Roinn a Dhà a chur air bhonn a-rithist. An turas seo ge-tà, cha b`e Hibs Dhùn Dèagh a-mhàin, ach 16 clubaichean uile gu lèir, a rinn an co-dhùnadh an Lìog fhàgail às beul a chèile. Mar sin dheth, b`fheudar do Hibs Dhùn Dèagh an cùl a chur ri Lìog na h-Alba airson an dàrna turas am broinn na bliadhna.
An lorg a` gnothaich seo, chaidh Hibs Dhùn Dèagh a-steach dhan Mheadhan Lìog, a bha neo-eisimileach. Bha an Lìog sin a` soirbheachadh an uibhir `s gun deach a ghabhail air ais sa mhionaid fo sgèith Lìog na h-Alba mar Roinn a Dhà `s promotion agus relegation an cois. Thill ball-coise an lìog gu Tanachais, air an dòigh seo, san Lùnastal, 1921, an dèidh tuiteam seachd bliadhna.
Cha do dh`èirich gu math do Hibs Dhun Dèagh ge-tà anns an lìog air an do rinn iad uiread a dh`iomairt, agus bha iad air fògradh, a-mach às aon uair eile. Bha Hibs Dhun Dèagh ann an cunnart dol fodha a-nis, ach chuir Celtic tairgse an làthair iad gan ainmeachadh gus àite an sgioba glèidhte aca a ghabhail ann an Lìog Caidreachas na h-Alba. Ghabh Hibs Dhun Dèagh ris an tairgse seo gu togarrach.
An dèidh an ràith ball-coise 1922/23, ghabh co-bhanntachd fir-gnothaich ionadail stiùir a` chlub agus air dhaibh iomairt a dhèanamh, chaidh a ath-thaghadh gu Roinn a Dhà aig Coinneamh Bhliadhnail an Lìog anns a` Chèitean 1923.
[deasaich] Dùn Dèagh Aonaichte
Chuir an club rompa cuideachd ann an 1923 an t-ainm aca atharrachadh. Leig iad às “Hibernian” agus thog iad ainm ùr, Dùn Dèagh Aonaichte. Chaidh an t-ainm ùr a ghabhail ri cumhachdan an Lìog air 26mh Dàmhair, 1923.
Ghlèidh Dùn Dèagh Aonaichte Roinn a Dhà fo stiùir Jimmy Brownlie, a bha na chluicheadair/mhanaidsear ann an 1924/25. B`e seo a` chiad uair riamh a fhuair an club a-steach gu Roinn a h-Aon.
Air dhaibh dol sìos gu Roinn a Dhà an dèidh dà ràith ann an Roinn a h-Aon, choisinn an club gaisgeachd Roinn a Dhà a-rithist ann an 1928/29.
Gidheadh, thill iad dhan roinn foidhe aig deireadh an ath-ràithe. Dh`fhàg Jimmy Brownlie an club an dèidh dha Roinn a Dhà a bhuannachadh ann an 1930/31.
Bha Dùn Dèagh Aonaichte fo sgàil air feadh nam bliadhnaichean a lean gus an do chuir iad Jerry MacGilleChiar ann an dreuchd manaidsear a` chlub as t-samhradh 1959. Ged a chrìochnaich iad aig 35 às na 37 sgiobannan uile gu lèir ann an 1958/59, ghabh cùisean car sònraichte math dhaibh bhon uairsin.
Bha DAFC air ais ann an Roinn a h-Aon an ceann bliadhna agus dhìrich iad dhan àite a b`àirde a bh`aca riamh, gu naoidheamh àite san lìog. Bhon uair sin, cha do chaill iad an àite anns a` phrìomh lìog ach a-mhàin anns an ràith 1995/96, agus `s iad a-nis aon de na clubaichean as soirbheachail a th` ann.
Thàinig grunn mhath de chluicheadairean à Lochlann dhan chlub anns na 60an: Orjan Persson, Finn Seemann, Lennart Wing, Finn Dossing agus Mogens Berg. Bha iadsan an sàs gu mòr anns a` chiad iomairt Eòrpach aig a` chlub nuair a rinn iad a` ghnothach air treun-sgioba Bharcelona. Bha Barcelona air an Cupa Fairs a ghlèidheadh a` bhliadhna roimhe. Chaidh a chur a-mach san ath-chuairt le Juventus ach b`e cuimhne euchd mòr a dh`fhàg iad a dh`aindeoin sin.
[deasaich] Jim MacGilleEathain
Ghabh Jim MacGilleEathain thairis gnothaichean an sgioba anns an Dùbhlachd, 1971 agus thòisich an linn a b` shoirbheachaile ann an eachdraidh a` chlub.
Chuir e poileasaidh òigridh co-eagraichte air bhonn bhon toiseach. B`e seo aon cheum a bha na bhunait deatamach do shoirbheachas a` chlub tron fhichead bliadhna as a dhèidh.
Bhuannaich Dùn Dèagh Aonaichte Cupa Lìog na h-Alba ann an 1979/1980, an dèidh seachdad bliadhna lom gun duais sam bith. Ghlèidh iad an aon fharpais a-rithist an ath-bhliadhna cuideachd agus ruig iad cuairt deireannach Cupa na h-Alba air an aon ràith. Chaill iad ri Rangers san ath-chluich.
B`e an ràith a b`fheàrr a bh`aca riamh, 1982/1983. Ghabh Dùn Dèagh Aonaichte buaidh air tiotal a' Phrìomh Roinn, agus chruinnich iad àireamh gun samhladh (aig an àm) de phuingean agus thadhail.
Ruig Dùn Dèagh Aonaichte iar-chuairt deireannach Cuach na h-Eòrpa air a` chiad fheuchainn. Chaidh a chur a-mach às mu dheireadh thall le A.S. Roma, ged a bu chaol an call (2-3 thairis air an dà gheama).
B`e Dùn Dèagh Aonaichte a` chiad chlub Albannach riamh cuairt deireannach Cupa UEFA a ruigsinn. Fhuair IFK Gothenburg làmh an uachdair orra air a` cheann thall, a` buannachadh 2-1 thairis air dà gheama, ach choisinn luchd-leantainn a` chlub Duais Cluiche Cothromach (Fair Play Award) air sgàth an giùlan modhail, fiadhlaidh san dàrna gheama aig Pàirc Thanachais.
Leig Jim MacGilleEathain dheth a dhreuchd san Og-mhios 1993, a` fuireach aig a` chlub mar chathraiche. Dh`fhastaich an club Ivan Golac mar mhanaidsear ùr; b`esan a` chiad neach à tìr-mòr na h-Eòrpa a ghabh stiùir club ball-coise Albannach. Bha an tàlant òg a b`fheàrr ann an Alba aig Dùn Dèagh Aonaichte aig an àm sin. B`e a` chiad rud a rinn e, Donnchadh Fearghasdan a reic gu Rangers airson ₤3.75 millean – am prìs a bu mhotha a bh`ann riamh eadar dà chlub Breatannach. Rinn sin gun deach aig Aonaichte air an lann-cluiche aca a leasachadh leis an airgead a fhuair iad bhon reic.
Ghabh an sgioba seilbh air Cupa na h-Alba ge-tà anns a` chiad ràith aige mar mhanaidsear a` chlub. Rinn iad an gnothach air Rangers 1-0 aig Pàirc Hampden anns a` Chèitean, 1994. B`e seo a` chiad uair riamh a bhuannaich Dùn Dèagh Aonaichte Cupa na h-Alba, ged a bha iad air an cuairt deireannach a ruigsinn sia tursan anns na fichead bliadhna roimhe. B’ e Craig Brewster a chuir an aon tadhal sa bhàire seo an dèidh do Dhàibhidh Mac a’ Phearsain agus Ally Maxwell bùrach a dhèanamh air suidheachadh dìon sìmplidh. Mar sin dheth, bha Dùn Dèagh Aonaichte air a h-uile duais nàiseanta ball-coise a bhuannachadh a-nis.
Cha do dh`èirich cùisean cho math dhan chlub anns na beagan bliadhnaichean an dèidh Cupa na h-Alba a bhuannachadh ge-tà. Dh`fhairtlich air Golac seasmhachd àite Aonaichte a chumail anns a' Phrìomh Roinn, seach mar a b’ àbhaist do Jim MacGilleEathain a bhith a' dèanamh. Ged a ghlèidh e Cupa na h-Alba anns a chiad ràith aig stiùir a' chlub, chrìochnaich Aonaichte ann an 6mh àite sa Phrìomh Roinn ann an 1993-1994; an t-àite a b’ ìsle aig an robh iad bho chionn 19 bliadhna.
[deasaich] Crìonadh agus ùrachadh
Bha Dùn Dèagh Aonaichte aig bonn an roinn anns an ath-ràith agus ceithir bàire air fhàgail ri chluich. Dh`fhàg Ivan Golac Tanachais, `s iad ann an cruaidh-chàs, agus chaidh Billy Kirkwood a chur na àite. A dh`aindeoin sin, chaidh Aonaichte sìos gu Roinn a h-Aon ann an 1994/95 airson a` chiad uair riamh nan eachdraidh, `s mar sin dheth b`e prìomh dhleastanas am manaidsear ùr an club a thoirt air ais gu Prìomh Roinn na h-Alba air a` chiad fheuchainn. Fhuair an sgioba às gu math caol, nuair a ghabh Dùn Dèagh Aonaichte a` bhuaidh air Partaig Thistle thairis air dà gheama play-off ann an 1995/96.
Bha Aonaichte air ais ann am Prìomh Roinn na h-Alba, ach an dèidh 6 bàirean truagh san ath-ràith, bha Kirkwood air a chur a-mach às a dhreuchd, agus Tommy MacGilleEathain, bràthair Jim, air a chur na àite.
[deasaich] Soraidh slàn do Jim MacGilleEathain
Ghabh cùisean car math bhon uairsin, agus chaidh Aonaichte suas an roinn, nan deann, a` crìochnachadh san 3mh àite ann an 1996-1997. Chaidh iad a-steach dhan fharpais UEFA a-rithist.
Cha b’ e seo ach adhartachadh mealltach a bh’ ann oir, bho 1997/98 gu 2006/2007, tha Dùn Dèagh Aonaichte air ochdnar manaidsear a chur às an dreuchd: Tommy MacGilleEathain, Paul Sturrock, Alex Mac a' Ghobhainn, Paul Hegarty, Ian MacColla, Gordon Siosalach, Billy Dodds agus Craig Brewster.
Bhon a leig Jim MacGilleEathain dheth a dhreuchd mar mhanaidsear, tha na manaidsearan ùra uile ud air an lèireadh le truimead dìleab nam bliadhnaichean glòirmhor roimhe. Chan e Dùn Dèagh Aonaichte a-mhàin a bha a’ fulaing, ach am pàirt eile dhen New Firm, Obar Dheathain cuideachd.
Leig Jim MacGilleEathain dheth a dhreuchd mar chathraiche a’ chlub ann an 2000 an dèidh dha purradh a thoirt do neach-aithisg, a bha a` cur ceistean sgrùdach air, nach bu mhath leis.
[deasaich] Linn ùr
Ghabh Eddie MacThòmais, fear-gnothaich agus neach-leantainn mòr a’ chlub bho chionn iomadh bliadhna, thairis air mar chathraiche agus sealbhadair ann an 2000. Bhon latha sin, tha Alex Mac a’ Ghobhainn, Paul Hegarty, Ian MacColla, Gordon Siosalach, Billy Dodds agus Craig Brewster uile air an cur às an dreuchd, `s e a' feuchainn ri soirbheas a thoirt air ais a Thanachais a-rithist.
Tha Craig Levein an-dràsta a` gabhail stiùir air gnothaichean an sgioba bho 2006, an dèidh Craig Brewster.
[deasaich] Tribhia
Tha Dùn Dèagh Aonaichte air 4 bhàir fharpaiseach a chluich ri Barcelona gu ruige seo. Rinn iad an gnothach orra gach turas; ann an 1966-67 ann an Cupa Fairs, agus ann an 1986-87 ann an Cupa UEFA. Chluich iad riutha cuideachd ann am bàir chàirdeil aig Pàirc Thanachais ro thoiseach ràith 2007-2008, ach an turas seo, b'e Barcelona a thug a-mach a' bhuaidh 1-0 le tadhal às breab pheanais bho Thierry Henry.
[deasaich] An sguad làithreach (2007/2008)
[deasaich] Geàrr-chùnntas Eachdraidh
Duaisean
Buadhaiche Prìomh Roinn na h-Alba 1982-1983
Roinn a Dhà (Seann)
Buadhaiche 1924-1925, 1928-1929 Dàrna àite 1930-1931, 1959-1960
Roinn a h-Aon (ùr) Dàrna àite 1995-1996
[[Cupa na h-Alba]]
Buadhaiche 1994 CBDA 1 Rangers 0
Nochdadh sa chuairt deireannach gun bhuaidh
1974 CBDA 0 Celtic 3 1981 CBDA 0 Rangers 0 1981 (ath-chluiche) CBDA 1 Rangers 4 1985 CBDA 1 Celtic 2 1987 CBDA 0 Naomh Mirren 1 (àm a bharrachd) 1988 CBDA 1 Celtic 2 1991 CBDA 3 Tobar na Màthar 4 (àm a bharrachd) 2005 CBDA 0 Celtic 1
Cupa Lìog na h-Alba Buadhaiche 1979-1980 CBDA 0 Obar Dheathain 0 DACB 3 Obar Dheathain 0 (ath-chluiche) 1980-1981 CBDA 3 Dùn Dèagh FC 0
Sa chuairt-deireannach gun bhuaidh
1981-1982 CBDA 1 Rangers 2 1984-1985 CBDA 0 Rangers 1 1997-1998 CBDA 0 Celtic 3
Cupa UEFA
Sa chuairt-deireannach gun bhuaidh 1986-1987 Gothenburg 1 CBDA 0 CBDA 1 Gothenburg 1 (1-2)
Cupa na h-Eòrpa
Nochdadh san iar-chuairt deireannach 1983-1984
CBDA 2 A.S. Roma 0 A.S Roma 3 CBDA 0 (3-2 do [[A.S Roma ]])
Cupa an t-Samhraidh
Sa chuairt-deireannach gun bhuaidh 1964-1965
Cupa Am-Cogaidh na h-Alba
Sa chuairt deireannach gun bhuaidh 1939-1940 CBDA 0 Rangers 1
|
[[Image:[Eisimpleir.jpg]Media:Eisimpleir.mp3]]