Bathar-bog
As a'Wikipedia
Tha bathar-bog na prògraman agus an dàta a th'ann an cuimhne annalair. Faodaidh seo a chur an aghaidh bathar-cruaidh.
Gu tric, cha bhi daoine a' beachdachadh gur e bathar-bog a th'ann an dàta idir (an aghaidh nam prògram), ach dh'fhoillsich am beachdair ainmeil, John von Neumann, ris an linn 40, gum faod an dà chuid dàta agus prògraman a thasgadh anns an aon seòrsa cuimhne. B'e seo beachd an coimpiutair prògram-taisgte, agus atharrachadh mòr aig an àm. Bithidh a h-uile coimpiutair dèanta leis an ailtireachd sin an diugh.
Cuideachd, faodaidh prògram a dh'oibreachdadh air prògram eile. An uair a ghabhas prògram, prògram eile mar dàta, canaidh sinn gur e meata-prògram a th'ann.
Mar a chùmas e a ghabhail dreuchdan ùra air, tha bathar-bog a'fàs nas cudromaiche ann an cha mhòr a h-uile roinn an t-saoghail nuadh, agus tha leasachadh bathar-bog air fàs ri gnìomhachas cudromach.