Alasdair III na h-Alba
As a'Wikipedia
Rìgh Alasdair III ( 4 an t-Sultainn 1241 - 19 a Mhairt 1286 ) 1249 - 1286 mar rìgh. 'Se rìgh làidir a bh'ann an Alasdair agus bha àm air an cathrach-rìoghal mar bu trice glè sitheil. Aig an àm seo bha buaidh làidir Ceilteach ann an Alba fhathast agus ceangal ri Sasainn oir bha nighean rìgh Shasainn - Eideard I - ,am bana-phrionnsa Mairead , aig Alasdair mar bhean.
'Se rìgh cho cumhachdach 'sa lorgadh tu aig àm no aite sam bith ann an eachdraidh a bh'ann an Eideard I. Bha e mur tha air ionnsaigh a thoirt air Eirinn agus a' Chuimrigh leis a Chuimrigh a nis mar aon de na roinnean aig Sasainn. Thoisich cuisean a fàs nas miosa an deidh do bean agus mic Alasdair basacheadh ann an tìde ghoirid. Bha seo a fàgail Rìgh na h-Alba as aonis mac a leanadh e agus e da-fhichead sa coig bliadhna a dh'aois.
Phòs e a rithist aig Abaid Jedburgh ri nighean òg brèagha den ainm Yolande a Dreux. Air an dara latha deug den Mhàirt 1286 bhàsaich Rìgh Alasdair. Bha e air a thlìgh bho Caisteal Dhùn Eidinn gu Ceann Gronna far an robh a mhnaoi. Ged a bha na h-uaislean is thriathran a bha comhla-ris aig iarraidh air fuireach gu fàsadh an aimsir na searr sa mhaidinn chan èisdeadh e rubha. Chaill e a chompanaich san dorchadas agus an ath mhaidinn lorg iad a chorp aig bonn bearraidh. Dh'Fhag seo Alba gun rìgh agus rinn Eideard a h-uile oidhirp smachd fhaighinn air Alba agus is ann mar seo a thoisich linn de chreach agus sabaid eadar an dà rìoghachd.
Aistean co-cheangailte: