Web Analytics Made Easy - Statcounter

See also ebooksgratis.com: no banners, no cookies, totally FREE.

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Toirt air falbh - Wikipedia

Toirt air falbh

As a'Wikipedia

'S e toirt air falbh an t-obrachadh matamataigeach a bheir àireamh air falbh bho àireimh eile gus an diofar eatarra fhàgail. 'S e fear de na ceithir obrachaidhean bunaiteach àireamhachd a th' innte agus tha i na h-obrachadh mùiteach ri cur-ris.

Ma tha dà àireimh air an cur-ris airson an t-suim aca dhèanamh, dhealaicheadh toirt air falbh àireamh bhon t-suim gus an diofar a dh' fhàgail.

2 + 3 = 5
5 – 2 = 3

Ma chuirear na h-àireamhan nàdarra air loidhne (loidhne àireamh), 's e ceum gu deas a th' ann an cur-ris agus ceum gu clì a th' ann an toirt air falbh.

Image:toirt-air-falbh-1.png

Chionns gun sìn an loidhne seo gu eicrioch air an làimh dheis, tha e freagarrach do chur-ris àireimh sam bith. Chan eil seo idir fìor do thoirt air falbh ach an sìn an loidhne gu eicrioch air an làimh chlì cuideachd. Airson sin a dhèanamh, tha feum air neoni agus na h-àireamhan àicheil.

Image:toirt-air-falbh-2.png

'S e loidhne nan slàn-àireamhan a th' anns an loidhne, air a bheil na h-àireamhan nàdarra, neoni agus na h-àireamhan àicheil.

Mar a th' ann an cur-ris, 's e obrachadh càraideach air na slàn-àireamhan a th' ann an toirt air falbh ach thoir an aire nach eil toirt air falbh co-iomlaideach no co-thiomsach.

abba
(ab) – ca – (bc)

'S ann anti-cho-iomlaideach a tha toirt air falbh. 'S e sin ri ràdh nan iomlaideadh na h-àireamhan, bhiodh buil an obrachaidh àicheil:

ab = c
ba = –c

Chionns nach eil toirt air falbh co-iomlaideach no co-thiomsach, tha e cumanta ann am matamataig air toirt air falbh a bheachdachadh mar gum biodh e cur-ris le àireamhan àicheil:

a + (–b) = –b + a
(a + (–b)) + (–c) = a + ((–b) + (–c))

Faic cuideachd: Àireamhan àicheil is neo-àicheil.


aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -