Manannan mac Lir
As a'Wikipedia
'San Eòlas-ur-sgeulachd na h-Eirinn, bha Manannan mac Lir 'na dhia na mara 'gus na h-aimsire. Tha e mar as trice air ghabhail a-staigh ri aon nan Tuatha Dè Danann, ged b' e air uairibh air smaoineachadh ri nas sine na iad.
Bha 'n t-ainm air thoirt dha Orbsen no Oirbsen. Tha 'n t-ainm Manannan bunaicht' às an ainm nas moiche dhan Eilean Mhanainn, agus bha 'n mac Lir athairainmeach riochd-bhriatharach agus chomharraich "mac na Mara (Ler)": th' athair air thoirt anns na sinnsireachdan mocha ri Allód. Chan eil e càirdeach dham charactar Lir na sgeulachd ainmeile nam Clann Lir.
Bha a bhean Fand. Riaghail e thairis na Innsean Naomha cho math ri Mag Mell, an Fodhasaoghal.
Bha mòran rudan draoidheile aig Manannan. Thug e gu Cormac mac Airt a chuach draoidheil na fìrinne; bha long aige nach robh siùil a dhìth air ainmichte "An Sguabair nan Tuinn"; shealbhaich e brat-falaich a thug dha do-fhaicsinneachd, clogaid caoireach, agus claidheamh ainmichte "Freagairiche" nach rachadh iomrall a sgiath. Shealbhaich e cuideachd eachd ainmichte "Enbarr na Muinge Ruithliche" a b'urrainn do thar uisge shiubhal cho furasta ris an tìr.
Dh'fhàg Manannan a bhean, Fand, agus ghabh i gaol air Cù Chulainn. Seach cha b'urrainn do duine bàsmhor agus sìthiche (bha Fand 'na Ban-rìgh nan Sìthiche) mhaireann còmhla gun milleadh 'n sìthiche, sgrios Manannan am cuimhne de a chèile.
Dh'àraich e dhà leanaban-altraim:
- Egobail
- Lugh
Dh'fhàisnich e cuideachd ri Bran, 'san Taisdeal Bhran, a bhitheadh laoch àrd air theàrnadh as, Mongan mac Fiachna.
'San Eilean Mhanainn, bha Manannan mac Lir air chantainn ri Mannan. Air Oidhche Leth an t-Samhraidh, chuir na luchd an tairgse feur gorm ri Mannan-beg-mac-y-Leir agus rinn ùrnaigh ri beannachdan 'san seòladaireachd agus iasgadh. B' e air chreidsinn a bhith 'na dhraoidh a b'urrainn do cabhlach meallach dhèanamh às sligean pheasair air chor a mheatachadh ionnsaighich chomasach.
Thagair dualchasan nan Linntean Meadhanach gun robh ann meud nam caractar eachdraidheil àitheanta ri Manannan, a mhair aig àmannan eugsamhaile. Bha aon dhiubh measraichte 'na phrionnsa Eireannach air bhith ainmichte Orbsenius a bha caithreamach air a chomasan aig seòladh an Cuan na h-Eireann ri ceannaiche.
Tha a mhac-samhail Cuimreach 'na Manawyddan ap Llyr.
Ainmean eile: Barinthus, Manannan, Manawydan, Mannan (Gaelg)