An t-Eilean Sgitheanach
As a'Wikipedia
'S e an t-eilean as motha de na h-eileanan a-staigh a tha anns an Eilean Sgitheanach, ainm eile: "Eilean a' Cheò". 'S e an darna eilean as motha anns na Eileanan Siar gu lèir an dèidh Leòdhas agus na Hearadh. Chan eil e an t-Eilean Sgitheanach idir na phairt de "Innse Gall", a tha co-ionnan ri na h-eileanan a-muigh.
'S e eilean mòr a th'ann - 1,656.25 cilemeatair ceàrnach. Anns a' bhliadhna 2001 bha 9,232 duine a' fuireach anns an eilean fhèin.
Is e cruth an eilean 5 rubhan fa-leth coltach ri leth-tarsainnean cuibhle, ceangailte aig a'mheadhan far a bheil an Cuiltheann, sreath de bheanntann sgorach os cionn 3,000 troigh a dh'àirde, ag èiridh gu cas os cionn na mara. 'S e Sgurr Alasdair a' bheinn as àirde san eilean - 993 meatair (3,257 troigh).
Tha Port Rìgh na phrìomh-bhaile, 's e cuideachd am baile as motha a th' anns an eilean. Tha cala Phort Rìgh, leis na taighean daithte timcheall air, gu math tric ri fhaicinn air cairtean phuist.
Canar gun tàinig an t-ainm bhon a' Ghàidhlig (eilean sgiathach), neo bhon fhacal sean Lochlannais: Skuyö, a tha a' ciallachadh: "Eilean fo sgothan". Bha an t-eilean an sealbh nan Lochlannach eadar an 9mh linn agus an 12mh linn AC.
Clàr-innse |
[deasaich] Eaconomaidh
Tha àiteachas (gu seachd àraid croitearachd), obair-ealain, gnìomhachas uisge-beatha agus an ròinn turasachd glè chudthromach a thaobh bith-beò muinntir an eilein.
[deasaich] Àiteachas
Tha gu bhith 2000 croit (no "lotaichean" mar a chanadh na Sgitheanaich riutha) san eilean, ach chan eil ach mu 100 dhiubh a tha mòr gu leòr airson a bhith beò asta.
[deasaich] Gnìomhachas uisge-beatha
Tha taigh-staile mòr Talasgair ann. Cuideachd tha Mac-na-Mara, Tè bheag nan Eilean agus Poit Dhubh, uisge-beatha measgaichte, air an reic bho Eilean Iarmainn ann an Slèite.
[deasaich] Ròinn turasachd
As t-samhradh tha mòran luchd-turais a' tighinn don eilean seo. Tha an t-Eilean Sgitheanach cliùiteach airson na seallaidhean brèagha, m.e.:
- an Cuiltheann a tha a' gabhail a-steach 12 munros
Tha iomadach seann chaisteil rim faicinn, m.e:
- Caisteal Dhùn Bheagan, a chaidh a thogail anns an 13mh linn.
- Caisteal Armadale às an 10mh linn; an diugh tha taisbeannadh agus ionad Clan Donald ann.
Tha taisbeanadh mu dhualchas agus croitearachd ann an ceann a tuath an eilein, aig Cille Mhoire.
- Obair-ealain
Tha an Ionad Àros faisg air Port Rìgh a' reic mòran stugh do na luchd turais.
Tha beathaichean fiadhaich, m. e. : an iolaire-bhuidhe, an iolaire-mhara agus a' bhiast-dhubh fhathast bitheanta is rim faicinn anns an Eilean Sgitheanach.
Tha a' cholaiste Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig suidhichte ann an Slèite, ann an ceann a deas an eilein.
[deasaich] Dòighean shiubhail
Tha ceangal gu tìr mhòr Bhreatainn le drochaid ris an canar sa Bheurla: "Skye Bridge". Chaidh an drochaid eadar Caol Loch Aillse agus Caol Acain a thogail anns a' bhliadhna 1995. Ach bha muinntir an eilein a' gearan mun phrìs (7.50 notaichean) a b' fheudar dhaibh a bhith a' paigheadh. Mar sin dheth cheannaich Riaghaltas na h-Alba an drochaid ann an 2004. An dràsda 's urrainnear an drochaid cleachdadh saor 's asgaidh.
Tha bàtaichean aiseig a' ruith eadar Armadale agus Mallaig, cuideachd eadar Caol Acain agus Gleann Eilge. Tha bàtaichean eile a' dol eadar Uige agus Tairbeart/na Hearadh, agus eadar Uige agus Loch nam Madadh/Uibhist a Tuath.
Tha busaichean a' ruith gu Inbhir Nis agus gu Glaschu.
[deasaich] Rudan inntinneach
- Tha Donaidh Rothach, seinnadair Gàidhlig a' fuireach ann am Port Rìgh. Bha e a' cluich anns a' chòmhlan Runrig.
- Somhairle MacGill-Eain, bàrd cliùiteach, bha e a' fuireach anns an eilean airson mòran bhliadhnaichean.
- Seachd, film Gàidhlig a chaidh a dhèanamh anns an eilean fhèin; foillsichte anns a' bhliadhna 2007.
[deasaich] Ceàrnaidhean san Eilean Sgitheanach
- An Cuilthionn
- Stafainn
- Slèite
- Srath shuardail agus Àird an t-Sratha
- Eilean Iarmain
- Siadar
- Garros
- Port nan Long
- Trondairnis
- Bhatairnis
- Rubha an Dùnain
[deasaich] Bailtean san Eilean Sgitheanach
- An t-Aodann Bàn
- Àrd a' Bhasair
- An t-Àth Leathann
- Boraraig
- Borbh
- Caol Acain
- Cille Mhoire
- Dùn Bheagan
- Dùn Tuilm
- Fearainn Domhnaill
- An Garadh Fada
- Port Rìgh
- Ùig, An t-Eilean Sgitheanach