Web Analytics Made Easy - Statcounter

See also ebooksgratis.com: no banners, no cookies, totally FREE.

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Rapunsail - Wikipedia

Rapunsail

As a'Wikipedia

Tha Rapunsail 'na h-uirsgeul sa' chruinneachadh cruinn leis na Bràithrean Grimm, agus air fhollseachadh a' chiad àm sa' bhliadhna 1812 cho cuid de Uirsgeulan nam Bràithrean Grimm.

[deasaich] Gnìomhadh

Dh'fhuirich càraid gun clann ri taobh de gàradh ballach a bhuin ri ban-draoidh. Bh' a' bhean air turas mu dheireadh thall is ghabh i sealladh roinn de luibh, air chantainn ri "Rapunsail", a' fàs sa' ghàradh is dh'iarr i i ris a' bhàrr a' bhàis. Fad dà oidhche, dh'ealaidh a fear a-steach dham ghàradh a chruinneachadh roinn na luibhe dhi, ach air an treas oidhche, nuair bha e a' dìreadh am balla a thilleadh dhachaigh, nochd a' bhan-draoidh is thagair i e de goid. Ghuidh e ri iochd, ag ràdh gun robh a bhean air turas is ag iarraidh an luibh, is dh'aontaich a' bhean shean a thoirt dha roinn na luibh, air a' chumha gun gheibheadh i am bìodag nuair rugadh i. Èiginneach, dh'aontaich am fear; rugadh bìodag; nochd a' bhan-draoidh 's ghabh i a' bhìodag air falbh. Dh'ainmich i i Rapunsail. Nuair ràinig Rapunsail dà bliadhna dheug a dh'aois, ghlais a' bhan-draoidh i air falbh ann an tùraid domhan sa' choille, a' falach an doras. Nuair chaidh a' bhan-draoidh a thadhal Rapunsail, sheas i fodhan uinneig aig a' bhàrr na tùraide is ghairm suas dhi:

Rapunsail, Rapunsail, leig sìos do ghruag, mar sin dìrichidh mi d'àradh òrail

Aig a' cluinntinn na faclan seo, shuaineadh Rapunsail a gruag fhada mun cuairt na cromaig a shuidh ri taobh na h-uinneige, 's leigeadh i i tuiteam sìos ris a' bhan-draoidh, a dhìricheadh suas ri Rapunsail.

Aon là mharcaich prionnsa tron choille 's chuala e Rapunsail a' seinn bhon tùraid. Fo gheasaibh le a ghuth speurach, leis an aonranachd dhen t-seòrs' anna, chaidh e a lorgadh an rìbhinn 's lorg e an tùraid, ach cha robh ann doras a' dol a-staigh. Thill e gu tric, a' cluinntinn rithe seinn, is aon là chunnaic e a' bhan-draoidh a' tadhal, mar sin ag ionnsachadh ciamar a ruidheachd Rapunsail. Nuair dh'fhàg a' bhan-draoidh the ghairm e ri Rapunsail a' leigeil a gruag sìos, is dhìrich e suas, chuir e eòlas oirre, 's fa dheòidh dh'iarr e ga pòsadh 's chòrd rithe.

Còmhla dhealbh iad dòigh dhi a theicheadh bhon tùraid: thigeadh e 'san fheasgair (mar sin a' seachnach a' bhan-draoidh a thadhal fad an là), is beirsinn sìoda dhi, a dh'fhigheadh Rapunsail beag air bheag a-steach do àradh. Ach mus bh' an àradh iomlan, nochd Rapunsail a càirdeas leis a' phrionnsa gu gòrach, nuair (ann an tiotan de neo-chuimhne) dh'fhaighnich i a' bhan-draoidh aon là carson a bha nas fhurasta a tharrang an prionnsa suas an àite i. 'San sgeul tùsail nam Bràithrean Grimm, dh'fhoillsich Rapunsail a suirghe leis a' phrionnsa 'nuair thuirt i (gu neo-cionntach) ri a muime gun robh a casag mhòr a' fàs nas teanna mun cuairt a meadhan. Feargach, gheàrr a' bhan-draoidh goirid a' ghruag dhualach Rapunsail 's dhìobair i i dhan fhàsach a shaothrachadh rithe fhèin.

Nuair ghairm an prionnsa 'n oidhche sin, leig a' bhan-draoidh na dualan sìos a tharrang e suas. Ri a oillt lorg e fhèin ah amharc a' bhan-draoidh an àite Rapunsail, nach robh àite sam bith air lorgadh a bhith. Feargach, thuirt a' bhan-draoidh gu fanaideach dha nach chitheadh e Rapunsail a-chaoidh a-rithist, leum e bhon tùraid 'na eu-dòchas, agus rinn na drisean fodha e dall.

Fad na h-ùine fada, chaidh e air seachran tron fhàsach, gus an chuala e mu dheireadh thall aon là an guth Rapunsail a' seinn agus lorg e i. Nuair thuit iad a-steach dham ghàirdeanan a chèile, dh'aisig a deòir a lèirsinn, is stiùir i ri a rìoghachd, far an dh'fhuirich iad sona fad an làithean.

[deasaich] Mìneachadh

Cho leis na leughaidhean eile ann an beul-aithris, tha mòran chiallan comasach.

Ag ithe biadh os-nàdarrach, 's tric gum cuir sin neach ann am cumhachd os-nàdarrach (coltaichibh Persephone agus an gràn-ubhal, an sgeul timcheall Circe, agus mòran uirsgeulan Ceilteach), agus ann an iomlaid air cho mòran rapunsail a dh'iarr a bhean, lorg an fear fhèin an dàn a thoirt an leanabh suas, nuair rugadh i. Nuair thàinig a' bhean ris a' cheann-aimsir, nochd a' bhan-draoidh agus ghabh i a' bhìodag air falbh, ga h-ainmeachadh Rapunsail.

Chinn Rapunsail a-steach do duine-cloinne àlainn, a' chaileag nas maisaiche 'san sgeul seo sònraichte, agus fhuair i a h-àrach ann an iomallachas sòghail ach dìonach, dùinte 'san dòigh nam boireannaich uasala na Roinne-Eòrpa anns Na Linntean Meadhanach agus 'san Linn an Ath-bheòthachaidh. Cha robh olc gu fìor a' bhan-draoidh, cho mòr ri h-uabhasach seann-nòsach. Chreid i, mar creididh mòran dhaoine fhathast, gur urrainn do na deagh-bheartan na h-òigheachd air chur còmhla le neo-chiontachd gu lèir aineolach a bhith. (Coltaich Prospero agus a nighean Miranda anns An Doineann le Shakespeare) Nuair ràinig Rapunsail dà bliadhna dheug a dh'aois, (agus mar sin aig an tiotan na aoise-leannanachd) bha i glaste aig a' bhàrr de tùraid aonranach domhan sa' choille, a mhuime a' dùnadh den dorais.

Mhair Rapunsail a chinntinn a-steach do bean òg an dèidh dhùin a' bhan-draoidh i air falbh 'san tùraid. Th' an sgeul a' tigh'nn thairis cho rabhadh ri pàrantan nach urrainn dhaibh am clann gu bràth cumail agus feumaidh iad asda leigeil uaireigin.

An ath-bhualadh Rapunsail aig an fhaicinn a' phrionnsa- cha robh e eu-coltach mar aithris Mhiranda: "Oh brave new world! that has such people in it!" ("A shaoghail ùr treun! Gu bheil muinntir dhen t-seòrs' aige!")

'Sna dualchasan far an gheàrr mnàthan am gruag nuair pòsaidh iad, bha gruag fhada 'na samhladh na h-òigheachd. 'San uirsgeul Bhean-uasal Godiva, tha a' ghruag fhada Ghodiva 'na samhladh a geamnachd. Mar sin, ghabh a' bhan-draoidh deamhais agus gheàrr i na cleachdagan Rapunsail. Gu h-ùidheil, 'san sgeul tùsail nan Bràithrean Grimm, cha robh an càirdeas Rapunsail leis a' phrionnsa air lorgadh a-mach tro a bruadar de a leannan, ach an àite tron fhìrinn a dh'fhàs i leatrom leis a' phrionnsa.

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Template:Wikisourcepar Template:Wikisourcepar


aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -