Rabat
As a'Wikipedia
Rabat الرباط |
|
Suidheachadh | |
Dùthaich | Maroco |
Ceàrn | Rabat-Salé-Zemmour-Zaer |
Co-chomharran | 34° 2’ Tuath 6° 50’ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 118 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,721,760 (2007) |
Dlùths | 14,591.19/km² |
Duilleag oifigeal | http://www.rabat.ma/ |
'S e Rabat prìomh-bhaile Mharoco (Arabais: الرباط, - ar-Rabāṭ, neo ar-Ribāṭ). Anns a’ bhliadhna 2007 bha mu 1.7 millean duine a’ fuireach ann. Tha am baile suidhichte air a' Chuan Siar aig inbhir Abhainn Bou Regreg.
'S e Rabat an dàrna baile as cudthromaiche den dùthaich às dèidh Casablanca. Chaidh am baile a stèidheachadh mar thuineachadh anns an 3mh linn RC. B’e Chellah an t-ainm a bha air aig an àm.[1]
Anns a' bhliadhna 40 AD bha am baile fo smachd nan Ròmanach, an uair sin (250 AD) fo smachd nam Berber.
Chaidh ainm a’ bhaile atharrachadh gu Ribatu l-Fath (a’ ciallachadh: "daingneachd a' bhuaidh-làraich,"). Thàinig an t-ainm Rabat bhon ainm sin.
Chaidh Tùr Hassan, neo Tour Hassan (Arabic: صومعة حسان) a thogail anns a’ bhliadhna 1195.[2] Mhiannaich an Sultan Yacoub al-Mansour am minaret agus am mosg as motha air feadh an t-Saoghail a thogail. Ach chuir bàs an t-Sultan stad air an obair.
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ C. Michael Hogan, Chellah, The Megalithic Portal, ed. A. Burnham, [1]
- ↑ Encyclopedia Brittanica online