Web Analytics Made Easy - Statcounter

See also ebooksgratis.com: no banners, no cookies, totally FREE.

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Poileataics ann an Eireann - Wikipedia

Poileataics ann an Eireann

As a'Wikipedia

Clàr-innse

[deasaich] AONADAN POILITEAGACHD NA H-EIRINN

Tha coig coigeamh ann an Eireann, a bha trath an eachdraidh na h-Eirinn coig rioghachdan fa-leth. Is iad An Ulaidh, An Mi, An Leamhainn, An Mumha agus An Connacht. Bha an Mi an coigeamh as lugha agus tha i air a bhi na phairt de'n Mhumha bho linn nan Normanaich.

Nuair a dh'fhuair na Normanaich greim air Eireann anns an 14mh cheud, roinn iad an tir eadar 32 siorramaich, agus ainmeachadh cuid shioraim "Contae". Is e na contaean sin a tha fhadhast nan aonadan rianachd na tíre agus tha fein-aithneachadh laidir aig muintir gach chontae.

Eadar 1801 agus 1921 bha Eireann na phairt den Rioghachd Aonaichte. Ged 's a chord an Reiteachadh seo le cuid Eireannaigh bha an cuid as motha ga h-aghaidh. Dh'aontaich parlamaid na Breatuinn ri Fein-Riaghaladh airson Eireann an 1911. Bha fein riaghaladh ri toiseach an 1915 ach chuireadh bacadh air fein-riaghalaidh aig toiseach a' Chogadh Mhor. Aig a cheann thall cha tanaig Fein-Riaghaladh idir a roimhe 1921, nuair a steidheachadh Saor-Staite na h-Eireann as deidh sri armaichte.

Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas Breatuinneach ri steidhicheadh Saor-Staite na h-Eireann, bha cuid de na Ultaich calg direach an aghaidh. Chaidh sgaradh air Eireann agus fhann sia (a mach a naoi) chontaean Ultach anns an Rioghachd Aonaichte. Dh'aobharaich an t-aontachadh fhein sgaradh an taobh deas na tire, agus mhilleadh ciad bliadhna na Saor-Staite le cogadh siobhalta fuilteachd a mhair 9 miosan.

Mhair Saor-Staite na h-Eireann bho 1921 gu 1937. Fo'n aontachadh de 1921 bha an Saor-Staite neo-eisimileach ach taobh a-stigh Commonwealth na Breatuinn agus chum an Cabhalach Rioghail seilbh air port daingnichte aig Cobh faisg air Cathair Corcaigh anns a' Mhumha. Ann an 1937 aontaich muintir na h-Eire ri bun-steidh pobalachd, agus choisinn Eire lan neo-eisimileas.

Canar "Tuathscuairt na h-Eireann" ri na Contaean Ultach a tha fhadhast anns an Rioghachd Aonaichte.

Is e Eire an t-ainm a tha air a' Phobalachd ach, tha a'Bheurla na darna cainnt oifigiuil an Eire agus anns a' Bheurla is e "Ireland" an t-ainm oifigiuil air an duthaich. Don bhrigh seo, uaireanan cluinnear luchd-poileataigs a' labhairt anns a' Bheurla mu deidhinn "The island of Ireland", a' ciallachadh Eireann gu leir.



[deasaich] POILITEAGS AN EIRE

[deasaich] SIOSTAM RIAGHALAIDH

Tha 2 taighean riaghalaidh ainmichte an bun-reachd na h-Eireann. Is e a tha anns an Dail an taigh iochdar agus . Theirear T Dail (TD) ri gach ball de'n Dail. Tha gach TD a' riochdadh Contae ach tha corr us aon TD aig gach contae. Tha uimhir nan TD aig gach contae a reir meud sluagh a' chontae. Theid an roghainn le siostam bhót singilte so-iomcharachd. Is e a tha anns an Oireachtas an Taigh Uachdar, tha gach ball taghta ach tha cuid de buill an oireachtas a'riochdadh roinnean sonraichte de muintir na h-Eireann, mar eisimplir, tha luchd-riochdaidh aig oil-thighean na h-Eireann anns an oireachtas.



[deasaich] Partaidhean Politigeach an Eire

Tha ceithir partaidhean poilitigeach le riochdairean an Dail Eireann anns an latha an diugh (2007). Is iad Fianna Fail, Fine Gael am Partaidh Laborach agus Sinn Fein.

Is e Fianna Fail agus Fine Gael an da phartaidh as motha. Steidhicheadh an da phartaidh seo re saoghal an saor-stait agus tha teaghlachan poilitigeachd air nochdadh annta. Tha ballrachd de Fianna Fail agis Fine Gael, eadhan don ghinealach an diugh a' beanailt air taobh a thug na seann-pharantan aig am a' chogadh shiobhalta.

Tha am Partaidh Laborach gu math lag an diugh (2007).

Tha Sinn Fein na Partaidh Pobalanachd agus Soisealach agus tha e a' sas ann an poiliteags gach taobh den crioch eadar Eire agus na sia chontae.


aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -