Pàircean Nàiseanta na h-Alba
As a'Wikipedia
Ged a thòisichear gluasad eadar-nàiseanta nam pàirc nàiseanta as dèidh brosnachaidh Albannaich ainmeil, John Muir ( eilthireach bho Dùn Barra gus na Stàitean Aonaichte), cha d'fhuair Alba fhèin a chiad phàirc nàiseanta gus 2002 — Pàirc Loch Laomainn agus Na Tròsaichean (a'gabhail a-steach Na Tròsaichean, Loch Laomainn, Braighead Albainn, agus pàirt Còmhal a tuath).
Thàinig an dara pàirc, Pàirc a'Mhonaidh Ruaidh, ann an 2002, ach bha deasbad ann an tòiseach mu thimcheall an ainm cheart sa Ghàidhlig. An coimeas ri Beurla, chan e An Carn Gorm ach aon bheinn anns an t-sreath air a bheil an ainm Am Monadh Ruadh.