Nouakchott
As a'Wikipedia
نواكشوط Nouakchott |
|
Suidheachadh | |
Dùthaich | Moratainia |
Ceàrn | Nouakchott |
Co-chomharran | 18° 6’ Tuath 15° 57’ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,000 km² |
Àireamh-shluaigh | 881,000 (1999) |
Dlùths | 881/km² |
'S e prìomh-bhaile Moratainia a tha ann an Nouakchott (Arabais: نواكشوط ). Tha an t-ainm a' ciallachadh: "àite na gaoithe". 'S e am baile as motha na dùthcha a tha ann cuideachd agus aon de na bailtean as motha ann am Fàsach Sahara.
B' e baile iasgaich a bha ann gu 1958. Ach chaidh a thaghadh mar prìomh-bhaile air sgàths gu bheil am baile suidhichte ann an àite math airson malairt agus air sgàths gu bheil an t-sìde math mar as trice.[1]
Tha e suidhichte air an taobh an iar fasach Sahara, aig a’ Chuan Siar.
'S e teas meadhan malairteach a th’ann. Chaidh am port-mara a dh’fhosgladh anns a’ bhliadhna 1986. Tha Nouakchott ceangailte le radhad mòr tro Boutilimit agus Kiffa gu Néma a tha mu 1100 cilemeatair air falbh [2].
Tha am port-adhair Nouakchott International Airport faisg air a’ bhaile.
Tha an t-aonar oilthigh ann am Moratainia suidhichte ann an Nouakchott, 's e Université de Nouakchott an t-ainm a tha air. Dh’fhosgail e anns a’ bhliadhna 1981.
Àitichean inntinneach ann an Nouakchott:
- Nouakchott Museum, taigh-tasgaidh
- Nouakchott Silver Market
- National Library, leabharlann nàiseanta
- National Archives
[deasaich] Iomraidhean
- ↑ Cities of the World, Vol. 1, p331; Brian Rajewski, ed., for Eastword Publications Development Inc., Cleveland, Ohio; Gale Research, Detroit, 1999. ISBN 0-8103-7692-X.
- ↑ www.otal.com/mauretania