Monrovia
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Libèiria a tha ann am Monrovia. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 572,000 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich cuideachd.
Tha Monrovia suidhichte eadar a’ Chuan Siar agus an Abhainn Mesurado. Tha am baile na laighe timcheall air a' phort-mara aige. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 19’ Tuath agus 10° 48’ Iar.
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1824, ach bha daoine a’ fuireach an seo roimhe sin. Chuireadh Monrovia mar ainm air a’ bhaile airson urram a chuir air James Monroe, ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte aig an àm sin.
'S e teas meadhan malairteach ‘s gnìomhachail a th’ann. Tha am Central Bank of Liberia, am banca as cudthromaiche den dùthaich, ann am Monrovia cuideachd.
Tha bàtaichean a’ dol gu Greenville agus gu Harper. 'S e an Roberts International Airport am port-adhair as fhaisge, tha e mu 60 cilemeatair air falbh bhon bhaile.