Web Analytics Made Easy - Statcounter

See also ebooksgratis.com: no banners, no cookies, totally FREE.

CLASSICISTRANIERI HOME PAGE - YOUTUBE CHANNEL
Privacy Policy Cookie Policy Terms and Conditions
Ken Kesey - Wikipedia

Ken Kesey

As a'Wikipedia

Template:Infobox Writer

B'e Ken Kesey (rug. 17 den t-Sultain 1935 - 10 den t-Samhainn 2001) ùghdar Aimearaganach a tha is ainmeil airson an leabhar aige, One Flew Over The Cuckoo's Nest.

[deasaich] Beatha Trath

Rug Kesey ann an Colorado ach bha e air a thogail ann an Oregon, far a bheil One Flew Over The Cuckoo's Nest air a shuidheachadh. As deidh dha bhi air a thaghadh mar am balach is coltach bhith soirbheachail bhon an àird-sgoil aige chaidh e gu Oilthigh Oregon. Phòs e ann an 1956 agus bliadhna as deidh sin fhuair e ceum bachelor bhon oilthigh. As deidh seo chlàraich e ann an cùirse airson sgriobhadh cruthaicheal aig Oilthigh Stanford agus is ann fhads a bha e an seo a thoisich e ag obair aig ionad inntinn. Is ann tron an eòlas a fhuair Kesey air na h-euslaintich anns an ionad a tha cuid de na tachartan ann an One Flew Over the Cuckoo's Nest steidhichte air.

[deasaich] One Flew Over the Cuckoo's Nest

Bha One Flew Over the Cuckoo's Nest na shoirbheachas plathadh nuair a bha e air fhoillseachdh ann an 1962. Bha e air a thogail mar dealbh cluich ann an 1963 le Kirk Douglas a' cluich am prìomh caractair, McMurphy, agus cuideachd mar fiolm ann an 1975 air a' stiùradh le Miloš Forman agus le Jack Nicholson a' cluich McMurphy.

[deasaich] Beatha as deidh One Flew Over the Cuckoo's Nest

Kesey tuathLeis am beartas ùr a bha aige, cheannaich anas ann an California far an robh e fhèin agus a charaidean a' deuchainn leis an drog LSD. Bha e a' creidsinn gum b'urrainn dha drogaichean mar LSD a bhith air an cleachdadh airson stuidsean inntinn eadar-ealaichte a' ruighinn agus gum b'urrainn dha seo sòisealtas a' leasachadh. Bha beachdan mar seo, comhla ris an iomagain a bha aig cuid de dhaoine mu dheidhinn drogaichean anns na seasgadan, dha thoirt gu aire na h-ùghdarrasan laghail, agus aig aon puing bha aig Kesey ri teich gu Meagsaco nuair a' lorg poilis e a' feuchainn ri cainb a' fhliuchadh sìos taigh-beag. Nuair a thill e gu na Staìtean Aonaichte bha e air a chuir an laimh agus bha air a chuir gu prìosan airson iomadh mìos.

Ann an 1964, nuair a bha aige ri siubhal tarsainn Aimearaga gun Eabhraig Nuadh airson am foillseachadh den dara nobhail aige - Sometimes a Great Notion - chaidh e fhèin agus a charaidean (mar Neal Cassady) a bha gu lèir ann am buidhean leis den t-ainm 'The Merry Pranksters', air turas tarsainn an duthaich ann am bus sgoil aosd a dh'ainmich iad Furthur (Further - nas fhada). Tha leabhar Tom Wolfe - The Electric Acid Kool-Aid test - na chunntas den turas seo agus bha e uabhasach poblach leis an linn de hippies a bha ann anns na seasgadan. Thàinig cuid den feallsanachd agus na stoidhlaichean aca bho duilleagan an leabhar.


aa - ab - af - ak - als - am - an - ang - ar - arc - as - ast - av - ay - az - ba - bar - bat_smg - bcl - be - be_x_old - bg - bh - bi - bm - bn - bo - bpy - br - bs - bug - bxr - ca - cbk_zam - cdo - ce - ceb - ch - cho - chr - chy - co - cr - crh - cs - csb - cu - cv - cy - da - de - diq - dsb - dv - dz - ee - el - eml - en - eo - es - et - eu - ext - fa - ff - fi - fiu_vro - fj - fo - fr - frp - fur - fy - ga - gan - gd - gl - glk - gn - got - gu - gv - ha - hak - haw - he - hi - hif - ho - hr - hsb - ht - hu - hy - hz - ia - id - ie - ig - ii - ik - ilo - io - is - it - iu - ja - jbo - jv - ka - kaa - kab - kg - ki - kj - kk - kl - km - kn - ko - kr - ks - ksh - ku - kv - kw - ky - la - lad - lb - lbe - lg - li - lij - lmo - ln - lo - lt - lv - map_bms - mdf - mg - mh - mi - mk - ml - mn - mo - mr - mt - mus - my - myv - mzn - na - nah - nap - nds - nds_nl - ne - new - ng - nl - nn - no - nov - nrm - nv - ny - oc - om - or - os - pa - pag - pam - pap - pdc - pi - pih - pl - pms - ps - pt - qu - quality - rm - rmy - rn - ro - roa_rup - roa_tara - ru - rw - sa - sah - sc - scn - sco - sd - se - sg - sh - si - simple - sk - sl - sm - sn - so - sr - srn - ss - st - stq - su - sv - sw - szl - ta - te - tet - tg - th - ti - tk - tl - tlh - tn - to - tpi - tr - ts - tt - tum - tw - ty - udm - ug - uk - ur - uz - ve - vec - vi - vls - vo - wa - war - wo - wuu - xal - xh - yi - yo - za - zea - zh - zh_classical - zh_min_nan - zh_yue - zu -