Cath Raon Ruairidh
As a'Wikipedia
- Chaidh am blàr seo a chur air an fhionnaraidh, 27mh iuchair, 1689, faisg air Coille Chnagaidh, Alba.
- A' chiad bhlàr dhen a' chiad ar-a-mach a rinneadh le na Seumasaich air tìr-mòr Bhreatainn, ri linn mar a chaidh crùn Shasainn, Alba is Èireann a thoirt air falbh bho Na Stiùbhartaich agus a bhuileachadh air Uilleam III is II (bha Cogadh Seumasach na h-Èireann air a bhith ann cheana, ach a-nis seachad).
- Os cionn nan Seumasach: Iain Greumach Chlaverhouse, Viscount Dhùn Dè, ris an canadh na Gàidheil "Claibhears"
- Os cionn feachd Rìgh Uilleim: Uisdean MacAoidh Sgobharaidh
- Am measg na bha an sàs air taobh nan Seumasach bha Rob Ruadh MacGriogair, is e fhathast glè òg
- Chaidh an latha le na Seumasaich, ach chaidh Claibhears a mharbhadh le peilear
- Ged a fhuair na Seumasaich buaidh-làrach, thugadh bàrr orra le feachdan an riaghaltais aig Blàr Dhùn Chaillinn, mìos às dèidh a' bhlàir seo.
[deasaich] An Dèanamh-Deas
Dh'fhàg Claibhears is arm beag Loch Abar, fearann Chloinn Chamshroin, nuair a chuala e gun robh MacAoidh a' dèanamh air Caisteal Athaill a bha ga ghlèidheadh airson nan Seumasach. Bha aig MacAoidh ri dhol troimhe cadha Choille Chnagaidh, far a bheil Gleann Garadh glè chumhang. Rinn e sin, ach bha feachd Chlaibhears ann roimhe is ga fheitheamh, is reisimeidean nam fineachan Gàidhlig air an suidheachadh gu math suas leathad Raoin Ruairidh, beagan tuath air a' chadha.
[deasaich] Am Blàr
Chaidh feachd MhicAoidh a chur an òrdugh dìreach far a bheil rathad mòr an A9 an-diugh, is iad a' coimhead an ear-thuath suas leathad. Am measg reiseamaidean nam fineachan Gàidhlig air taobh nan Seumasach bha Clann MhicGillethain; Dòmhnallaich Chlann Raghnaill; Dòmhnallaich Ghleann Gharadh; Camshronaich Loch Iall; agus Dòmhnallaich Shlèite.
(Tha obair fhathast ga dhèanamh air an duilleig seo)