Thüringen
As a'Wikipedia
|
|||||
Cànan Oifigeil | Gearmailtis | ||||
Dual-chainntean | Thüringisch, Fränkisch | ||||
Prìomh-bhaile | Erfurt | ||||
Baile as motha | Erfurt | ||||
Uachdaran | Dieter Althaus, (2005) | ||||
Àireamh-shluaigh | 2.312.870 (2006) | ||||
Farsaingeachd | 16.172,10 km² | ||||
duilleag oifigeil | http://thueringen.de |
Is e saor-stàit Ghearmailteach a tha ann an Thüringen. Tha Erfurt ann am meadhan na dùthcha na phrìomh-bhaile.
Clàr-innse |
[deasaich] Suidheachadh
Tha Thüringen anns an taobh an ear na Gearmailt. Mu thimcheall tha na stàitean Sagsainn Iosail, Sagsainn-Anhalt, Sagsainn, Bayern agus Hessen.
Is iad na bailtean as motha : Erfurt, Gera, Jena agus Weimar. Tha an àireamh shluaigh de na bailtean eile nas lugha na 50.000.
[deasaich] Cruinn-eòlas
[deasaich] Cruth na tìre
Anns an tuath tha earran bheag de na beanntan Harz. Anns an earra-dheas tha an Thüringer Wald (coille Thuringia), beanntan le tòrr choilltean. Tha slighe fhada chliùiteach an-seo air a bheil “Rennsteig” mar ainm. Is e a’ bheinn as airde am Großer Beerberg le 982 m. Anns an ear tha an dùthaich rèidh. Is e Thuringia ris an canar „an cridhe uine na Gearmailt“.
[deasaich] Aibhnichean
- Saale
- Ilm
- Werra
- Unstrut
- weiße Elster.
[deasaich] Lochan
Chan eil lochan mòra ann an Thüringen.
[deasaich] Eaconomaidh
Tha glainne, deideagan, poitean agus aodaich air an dèanamh agus tha tòrr fhactoraidhean ag obair le fiodh agus meatailt. Tha Jena ainmeil airson inneal- fradhairc. Ann an Eisenach tha factoraidhean Opel agus Bosch.
Tha àiteachas cudthròmach cuideachd. Tha cruithneachd, èorna agus biatas-siùcar air am plantadh anns an dùthaich rèidh. Anns na gleanntann tha lusan agus measan a’ fàs.
[deasaich] Eachdraidh
Gus am bliadhna 1920 bha Thüringen ri moinn ann an stàitean eadar-dhealaichte agus air a riagladh le diùic. An dèidh a’ chiad cogadh chaidh na stàitean seo a chuir ri cheile gu aon stàit leis a’ phrìomh-bhaile Weimar. Chaidh a’ chiad Poblachd na Gearmailt a stèidheachadh a-mhàin ann am Weimar ann an 1919. Chaidh crìoch a chur air ann an 1933 nuair a thàinig Hitler agus a’ phartaidh Nazi gu cumhachd. An dèidh an Dàrna cogadh dh’ fhuirich Thüringen anns a’ phàirt Rùiseach agus an uair sin dh’ fhàs e na phàirt dhen DDR. Ann 1989 thuit Balla Bherlin agus chaidh a' Ghearmailt aonachadh.
[deasaich] Àitichean eachdraidheal
Is e àite-eachdraidheil ann an Thüringen a tha ann am Weimar. Dh’ fhuirich an dithis sgrìobhadairean Gearmailteach as ainmeile, Johann Wolfgang von Goethe agus Friedrich Schiller an-seo fàd bhliadhnachan. Tha na taighean aca nan taighean–taisgaidh an-diugh. Tha an seann bhaile glè bhrèagha agus tha mòran luchd-turais a’ tighinn airson fhaicinn.
Is e àite eile cliùiteach a tha anns a’ Wartburg. Is e caisteal a th’ ann air cnoc àrd faisg air Eisenach. B’e Màrtainn Lùtair am fear-àiteachaidh a b’ ainmeile. Dh’ fhuirich e anns a’ chaisteal bho 1520 gu 1522 fo tèarmunn an riaghladair de Weimar agus dh’eadar-theangaich e am Bioball an-seo.
Is e àite brèagha a th’ ann an seann bhaile Erfurt leis an eaglais mhòr, togte anns an darna linn deug. Chaidh Màrtainn Lùtair don Oilthigh Erfurt.
[deasaich] Daoine cudthromach
Rugadh fireanaich agus boireanaich cudthromach ann an Thüringen: Fireannaich-ciùil:
- Johann Sebastian Bach
- Franz Liszt
Dealbhadairean:
- Till Riemenschneider
- Lucas Cranach
- Otto Dix
Bha Karl Zeiss a’ stèidheachadh a’ ghnìomhachas inneal-fradhairc.
[deasaich] Biadh agus deoch
Nuair bhitheas sibh ann an Thüringen, bu chòir dhuibh Thüringer Bratwurst fheuchainn. Is isbean blàsda a th’ ann. Agus feuchaibh ri leann dubh „Köstritzer“ òl.