Porto-Novo
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Bheinin a tha ann an Porto-Novo, ainm eile: Hogbonou neo Adjacé. Tha e suidhichte ann an earra-dheas na dùthcha aig an Gulf of Guinea. Mar sin dheth tha port-mara cudthromach aige. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 28' Tuath agus 2° 36' Ear. [1]
'S e an dàrna bhaile as motha a tha ann am Beinin. 'S e Cotonou am baile as motha agus as cudthromaiche a tha ann, o choinn's gu bheil an riaghaltas an sin.
Canar gun deach Porto-Novo a stèidheachadh anns an 16mh linn leis an rìgh Te-Agdanlin à Allada. Thàinig ainm a' bhaile às a' chànan Portugalais, tha e a’ ciallachadh “port ùr”. Chaidh Porto-Novo a chleachdadh mar àite-malairt le traillean.
[deasaich] Àitichean inntinneach
- Porto Novo Museum of Ethnography, Taigh tasgaidh dualchas le mòran fiosrachaidh mu eachdraidh a’ bhaile agus eachdraidh Bheinin.
- Luchairt King Toffa, ‘s e taigh-tasgaidh a tha ann an-diugh, a’ sealltainn dòigh-bheatha nan rìghrean afraganach.
- Jardin Place Jean Bayol àite le clach-chuimhne den ciad rìgh Porto-Novo.
- Da Silva Museum, taigh tasgaidh a tha a’ sealltainn eachdraidh Bheinin agus dòigh-bheatha nan Afro-Brazilians, a thàinig air ais gu Porto-Novo.
- Palais de Gouverneur, lùchairt luchd-riaghlaidh.