Naomh Crìstean agus Nibheis
As a'Wikipedia
Saint Kitt and Nevis Naomh Crìstean agus Nibheis |
|
---|---|
Bratach |
Lùireach |
Laoidh Nàiseanta | |
O Land of Beauty! Laoidh Rìoghail God Save the Queen |
|
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
"Country Above Self" | |
Cànan(an) oifigeil | Beurla |
Prìomh-bhaile | Basseterre |
Baile as motha | Basseterre |
Riaghaltas | Monarcachd bhun-reachdail (Deomocrasaidh pàrlamaideach) |
Ban-rìgh | Ealasaid II |
Riaghladair | Sir Cuthbert Sebastian |
Prìomh-mhinistear | Dr. Denzil Douglas |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Rìoghadh Aonaichte | 19mh an t-Sultain 1983 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 261 km² (207mh) |
Àireamh-shluaigh (2005) | |
Iomlan | 42,696 (209mh) |
Dlùths | 164/km² (64mh) |
GDP/PPP (2002) | |
Iomlan | $339 millean (213mh) |
gach pearsa | $14,649 (47mh) |
Roinn tìde | (UTC-4) |
Ruith-airgid | Dolair Chairibianach |
Eadar-lìon TLD | .kn |
Còd Àireamh fòn | 1 869 |
'S e dùthaich eileanach anns a' Chairibìan a tha ann an Naomh Crìstean agus Nibheis. Tha dà ainm oifigeal aice anns a’ Bheurla: Federation of Saint Kitts and Nevis agus Federation of Saint Christopher and Nevis [1].
Tha i na laighe anns na Lesser Antilles anns a’ Mhuir Chairibianach. Tha Saint Eustatius, Saba, Saint Barthélemy, agus Saint Martin anns an taobh tuath agus tha Antigua agus Barbuda anns an earra-thuath. Anns an taobh a deas tha na h-eileanan iomalach Redonda agus Montserrat.
Tha dà eilean anns an dùthaich seo, an t-eilean nas motha: Naomh Crìstean, agus am fear nas lugha: Nibheis. Tha am prìomh-bhaile na laighe anns an Naomh Crìstean agus tha an riaghaltas stèidhichte an seo cuideachd. Thàinig an t-ainm Naomh Crìstean bho Christopher, (ainm goirid sa Bheurla: Kit, neo Kitt). Chuir Cristoforo Colombo an t-ainm "San Cristóbal" (Spàinntis) ris an eilean seo.
Tha Nibheis na laighe trì cilemeatair san earra-dheas Naomh Crìstean. Thàinig an t-ainm aca bho "Nuestra Señora de las Nieves" (Spàinntis).
'S e an dùthaich as lugha anns na h-Aimearagan a tha anns an Naomh Crìstean agus Nibheis a-rèir farsaingeachd agus àireamh-shluaigh.
[deasaich] Iomradh
- ↑ Tha an dà ainm anns a' bhun-stèidh Naomh Crìstean agus Nibheis .