Luinn
As a'Wikipedia
Is e An t-Eilean Luinn aon de na h-eileanan sglèat, ann an Lathurna, agus faisg air an Oban.
Is iad na bailtean Tobar Dhonnchaidh, Cullipool agus Black Mill Bay. A-nis, is iad na prìomh ghnìomhachasan turasachd, a' glacadh nan giomach, agus tuathanachas mhart.
Tha Luinn ainmeil airson dà rud: gnìomhachais an t-sglèat, agus pailteas luchd-buannachaidh aig a' Mhòd.
Bha gnìomhachais an t-sglèat cudromach anns an eilean, le cuaraidhean ann an Tobar Dhonnchaidh, gus an deach an cuaraidh mu dheireadh a dhùnadh ann an 1939.
Bhuannaich Nan NicAonghais bonn òr a' Mhòid ann an 1926, Sandy Brown ann an 1938, agus Hughie MacCuinn ann an 1985.
'S Luinneach a chanar ri duine a bhuineas do Luinn, no piocach mar far-ainm.