Gallaibh
As a'Wikipedia
Is e an sgire as fhàda dhan tuath air tir mòr de Gàidhealtachd na h-Alba a tha anns a' Ghallaibh(Beurla: Caithness). Tha i suidhichte air ceann an ear de oir-thuath na h-Alba, le Linne a' Phentland dhan a'thuath. Chan eil crioch aige le sgire eile ach A'Chataibh a' mhain.
Clàr-innse |
[deasaich] Dualchas & Eachdraidh
Tha dualchas Gaidhealach aig a' Ghallaibh a dh'aindeoin a h-ainm,(1) ach tha an dualchas sin air crionadh gu mòr. Thadhal na Lochlannaich gun teagamh, ach chan eil ainmean àite na sgire a thoirt fianais ris a' bheachd gun do steidhich Lochlannaich bailtean-fhearann idir. Ged a tha eachdraidh Lochlannach aig na h-eileanan den Arcaibh agus de Sealtainn dhan a'thuath, tha eachdraidh Lochlannaich aig iomadh baile sios cóst an ear na Sasuinn Ioirc mar eisimplir, neo Cathair Corcaigh an Eirinn tòrr nas soilleir na eachdraidh "Lochlannaich" na Gallaibh.
Mhair a' Ghaidhlig anns na sgirean siarach den Ghallaibh dhan 20mh linn.
A reir an New Statistical Account de 1841, bu gann gun tuigsear facal Gaidhlig taobh sear de Burn of Clyth, agus air an taobh siar dh'fhuiling a' Bheurla an dearbh dàin.
Ann an 1911 bha a' Ghaidhlig aig 1,685 daoine, a'riochdadh 6.7% den sluagh, ged nach robh ach 22 dhaibh nas oige na 20 bliadhna.
"Tha meomhrag preisbeatraidh de 1727 ag radh de 1,600 daoine a bha air 'ruigsinn inbheas', nach robh ach Gaidhlig a-mhain aig 1,500, agus cha robh ach coignear le comas leughaidh. B'i a'Ghaidhlig aig an àm seo na priomh chainnt anns a' chuid bu mhor de na paraisdean ach airson Bower, Canisbay, Dunnet agus Olrig" (Eadar-Theagaichte bho: Omand, D. From the Vikings to the Forty-Five, in The Caithness book)
[deasaich] Bailtean
Is e Inbhir Uige a tha suidhichte air an taobh searach, prìomh-bhaile na sgire. Tha an taigh staile "Pultney Town" agus càla meadhanach mòr aig a' bhaile. Tha Inbhir Teòrsa, dara bhaile a' Ghallaibh air a'chòst a thuath. Is ann aig Scrabster, baile iasgaich 2 mhile dhan iar a Inbhir Teorsa a tha an aiseag airson an Arcaibh. Tha flacais niuclasachd aig Dùn Raith.
[deasaich] Taigh Iain Ghròit
Tha a'Ghallaibh ainmeil airson Taigh Iain Gròit, far an robh Hollandair don b'ainm Iain a ruith aiseag dhan Arcaibh uaireigin anns an linn Hainseatachd. Bha fàradh an aiseig seo a' cosgadh gròt. A reir na h-ughdarrasan Turusachd tha Taigh Iain Ghròit aig a' phuing as fhada dhan a Thuath air Tir Mòr na h-Alba. Gu mi-fhortunach chan eil so fior: Tha Ceap Wrath anns a' Chataibh aig ceann siar den chòst a' Thuath nas fhaisg air a' Mhùl.
[deasaich] Rianachd na Sgire
Bha a' Ghallaibh na siorrachd fa-leth sios gu 1974, nuair a chaidh eagar ur air riaghaladh ionadail na h-Albainn, Bho 1974 gu 1996 bha da inbhe de riaghaltas ionadail air feadh Alba. Re an uine sin bha a' Ghallaibh na sgire (le comhairle sgireil) de Roinn na Gaidhealtachd. Chaidh ath-reiteachadh air riaghaltas ionadail na duthcha a-rithis an 1996, chaidh a'ghallaibh air a pasgadh a-steachd ris roinn ur don ainm "A'Ghaidhealtachd". Mhair siostam rianachd steidhichte air na sgirean de 1974 airson deichead eile gu Giblean 2007, nuair a chaidh ath-eagarachadh air a'Chomhairle, a tha an diugh air an roinneadh airson aobharan rianachd eadar tri sgirean. Tha a' Ghallaibh pairt den sgire a thuath.
(1) Old Statistical Account