Fìobha
As a'Wikipedia
Se roinn arsaidh agus siorrachd traidiseanta na h-Alba a tha ann am Fìobha. Is e "Rìoghachd Fìobha" (Kingdom of Fife) farainm a tha air, o chionns gu bheil (neo gu robh) gach ni a bhiodh aig rioghachd neo-eisimileach ri lorg taobh a-steachd a criochan. Tha muir is beanntan aige comhla le talamh aiteachas meinnearan agus gniomhacasan ghiollachais.
[deasaich] Cruth na Tire
Tha oir na mara a sineadh bho Ros Saidhe (Rosyth) air an Linne Foirthe, tro Cille Rimhinn air an Ear gu Port na Creige (Tayport) agus Obar Neithich (Abernethy) air bruaich deas na Tatha. Tha calan le cidhean-luing aig Cathair Caldaidh agus an Eilean Loisgte, tha aireamh de bailtean iasgaidh, na measg Cathair Aile (Crail) agus Eanstar (Anstruther) air an oir deas
B'e Cùbar priomh baile na Fìobha. Bha Malairt Arbhair an seo. Is e talla poblach a tha anns an togalach anns an latha an diugh.
Bha Cille Rimhinn le a Chaisteal agus Oilthigh Chill Rìmhinn na phort cudthromach re na meadhan aoisean. Anns a' bhaile seo tha Sràid Earra Ghaidheil a' comharrachadh chun latha an diugh far an robh an cearnag Gàidhealach de'n bhaile anns an linn sin.
Tha tur-cruinne, de linn na h-Eaglais Ceilteach agus 24m a dh'airde anns an cladh aig Obar Neithich.
Is e Beinn Loman am beann as àirde ann an Fiobha. Is beinn bhòidheach a tha innte ged nach eil a mullach fiu's 2000 troigh os cionn barr na mara.
[deasaich] Gniomhacasan
Tha aiteachais na roinn gniomhacais cudthromach do eaconomaidh na Fìobha. Tha talamh beartach an meadhan na Fìobha, agus tha muilean coirce a chruthachas bleideagan-bhrochan (Scott's Porridge Oats) aig Cùbar. Tha an taigh-staile a thogas an t-uisge bheatha shile-singilte, "Stewarts Cream of the Barley" aig agus tha taigh-staile a thogas malt-singilte aig Achadh an Fhuarain (Springfield). Bha muilnean paipear aig Marg Innis (Markinch) agus Drochaid-Gèaird.
Tha gnìomhacasan giollachais air treigsinn Fiobha gu ire mhòr rè an trichead bliadhna a chaidh, ach bha obraichean salainn air an oir deas bho'n 18mh linn, nuair a chaidh a' chiad leasachadh air an Raon Guail Fìobhach. Bho meadhan an 19mh linn, nuair a fhosgail James Williamson a Lancaster, Muileann Linoleum ann an Cathair-Caldaidh gu na 1970an bha am baile am prìomh ionad-giollachais de cuibhrigidhean urlar anns an t-saoghail. Cha do mhair na muilnean lino tro an gluais bho stugh-beathachaidh nadarra (b' e jute, ola linseed agus min-airc na bun-stughan do linoleum) ri plastaigean stèidhichte air ola-meineireachd.
[deasaich] Meinnearan
Chaidh ath-leasachadh air an raon-ghuail Fìobhach as deidh an dara cogadh, Steidhicheadh meinn-domhainn mhòr ùr aig Seafield, ri taobh Cathair-Caldaidh anns na 1960an. Chaidh a dhunadh as deidh stalc naiseanta na meinearan a mhair bliadhna re 1983-84. Tha meinnearachd fhadhast a' dol an iar-deas na roinn, ach cladhair an gual a mach a slochdan fosgailte, seachd meinnean-domhainn. 'S e tairbeart a tha ann, agus o chionn goirid, roimh na drochaidean thairis an Tatha agus Linne Foirthe, bha nas iomallaiche.