Djibouti (Baile)
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Diobutaidh a tha ann an Djibouti (Arabais: جيبوتي, Somali: Jabuuti, Fraingis: Ville de Djibouti). Tha e suidhichte air leth-eilean eadar an Gulf of Aden agus an Gulf of Tadjoura. 'S e seo an Co-chomharran aige: 11° 36′ Tuath agus 43° 10′ Ear. Tha mu 400,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1888 mar port-mara le Eloi Pino, duine às an Spàinn. An uair sin bha e na phrìomh-bhaile ann am French Somaliland bhon 1891.
Tha rathad-iarainn ann, an Djibouti-Addis Ababa Railway, a tha a’ dol eadar Djibouti agus Addis Ababa. Tha an port-adhair Djibouti-Ambouli International Airport faisg air a’ bhaile. Tha am port-mara aige cudthromach fhathast airson malairt eadar-nàiseanta, iasgaich agus na bàtaichean-aiseig gu Obock agus Tadjoura.