Bujumbura
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Burundaidh a tha ann am Bujumbura. Tha e suidhichte anns an earra-thuath Loch Tanganyika. Mar sin dheth 's e am port-mara as cudthromaiche a tha anns an dùthaich seo. Tha bàtaichean-aiseig a' siubhal bhon an seo gu Kigoma ann an Tansainìa. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann cuideachd: Bujumbura International Airport.
Anns a' bhliadhna 1994 bha mu 300,000 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. 'S e seo an Co-chomharran aige: 3° 23’ Deas agus 29° 22’ Ear.
Tha Oilthigh Bhujumbura ann.
Canar gun do chluich a' chuid as motha den fiolm Disney: George of the Jungle ann am Bujumbura.