Aonghas Pàdraig Caimbeul
As a'Wikipedia
'S ann as An Leth Mheadhanach ann an Uibhist a Deas a tha Aonghas Pàdraig Caimbeul (no Aonghas Phàdraig, mar a chanas a choimhearsnachd fhèin sa cheann a deas). Chaidh e gu Sgoil Gheàrraidh na Mònadh agus an uair sin gu Àrd-Sgoil an Obain, far an do ghabh e ùidh ann an litreachas fo stiùir an neach-teagaisg Bheurla aige, Iain Mac a' Ghobhainn nach maireann.
Chaidh Aonghas Pàdraig an uairsin gu Oilthigh Dhùn Eideann, far an tug e a-mach Ceum le Urram ann am Poileataigs agus Eachdraidh. Fhad 's a bha e san Oilthigh fhuair e misneachd mhòr a thaobh a chuid sgrìobhaidh bho Shomhairle MacGill-Eain, a bha na Sgrìobhaiche aig an Oilthigh aig an àm.
As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun a’ BhBC agus gu Telebhisean Ghrampian.
Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach mar tha - dà chruinneachadh de bhàrdachd agus còig nobhailean goirid airson nan sgoiltean. Ann an 2001 chaidh urram Crùn na Bàrdachd a thoirt dha leis a' Chomunn Ghàidhealach aig Mod nan Eilean Siar, agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùìteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus o chionn ghoirid chaidh obair Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn aig Roinn na Gàidhealtachd a thoirt dha.
Aon uair, chluich e ball-coise ann an Cuach na h-Alba aig Pàirce Hampden an aghaidh [[Queen's Park]. Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca. ’S e na sgrìobhadairean as fhèarr leis Tolstoy, George Eliot, Gabriel Garcia Marquez, agus ’s e Alex Cropley aig Hibs an cluicheadair ball-coise as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.
Ann an 2006, sgrìobh e Invisible Islands (foillsichte le Otago Publishing) - leabhar ficsean ann am Beurla.
Tha e a-nis a' gabhail pàirt anns an fhilm Seachd.
- Làrach-lìn aig Aonghas Pàdraig Caimbeul (www.apc.gaidhlig.org.uk)
- Làrach-lìn aig Invisible Islands (www.invisibleislands.com)