Tiriodh
As a'Wikipedia
Tha eilean Thiriodh anns na h-Eileanan a-staigh, don iar-dheas air Eilean Cholla. Tha timcheall air 800 duine a' fuireach anns an eilean. 'S e eilean iosal, torrach a th' ann agus a bharrachd air turasachd 's e croitearachd am beoth-shlaint as motha aig muinntir an eilein.
'S e Scairinis priomh-bhaile Thiriodh. Tha bataichean-aiseig a' seoladh a Sgairinis gu ruige Airigh nan Gobhar air Colla agus an t-Oban air tir-mor Alba. Tha cuideachd port-adhair beag faisg air a' bhaile. A-measg bailtean eile an eilein tha Haoidhnis agus Sanndaig, le taighean-tasgaidh beaga san da chuid.
Tha Tiriodh cliuiteach air sgath an Duin Mhoir, broch bhon a' chiad linn RC, Clach a' Choire, clach snaidhte arsaidh agus airson eoin rubha Cheann a' Bhara. Thathar a' tighinn a Thiriodh cuideachd airson seoladh-clair agus tha steisean-reudair air an eilean a tha a' cumail suil air pleanaichean catharra.
Ann an 1770, 's ann le ceithir tuathanaich deug a bha air talamh a thraoghadh airson arbhair agus ionaltraidh a bha darna leth an eilein. Seach a bhith a' cur air falbh crodh beo (a bhiodh tric claoidhte as deidh an turais fhada don mhargaidh agus air nach fhaighte prisean arda), thoisich iad air cur air falbh feoil-mhairt shaillte ann am baraillean, air an robh feill na bu mhotha. Bha an corr den eilean air a chur a-mach air mhal do dha fhichead 's a coig buidhnean de dh'aitreabhaichean air tuathanasan co-chomuinn: buidhnean aiteachaidh a bh' air a bhith ann dh'fhaoite o linn nan cinnidhean. Bhathar a' toirt seachad talamh-cruite tro bhot bliadhnail agus bhathar a' taghadh cinn-latha cur agus buain le cheile. Chaidh aithris ann an 1774 gun robh muinntir Thiriodh 'well-clothed and well-fed, having an abundance of corn and cattle'.
Tha toglaichean an eilein ainmeil, nam measg 'taighean dubha' agus 'taighean geala' - tha an seann tughadh fhathast air torr aca seo - agus na taighean 'breaca' nach fhaighear ach air an eilean, far a bheil an t-aol air a pheantadh geal.
Tha torr luchd-labhairt na Gaidhlig ann an Tiriodh ( 48.6% a-reir Cunntas-sluaigh 2001 ), ceudachd ard airson nan Eileanan a-Staigh.
Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil an t-ainm a' ciallachadh 'Eilean an Arbhair', air sgath mar a bhiodh Tiristich a' reic gran do na manaich ann an Abaid Eilein I, air an eara-dheas, agus don Aba Calum Cille (b. 597), san t-siathamh linn. Bha grunn mhanachainn Criosdail Ceilteach ann an Tiriodh fhein aig aon am, agus tha clachan snaidhte ann an corra aite bhon linn seo, me Teampull Naomh Phadraig, Ceann a' Bhara (NL 938 401) agus Soiribidh(NL 984 416).
Chaidh port-adhair feachd an adhair (RAF) a thogail air Tiriodh tron an Darna Cogadh agus chaidh a chleachadh mar phort-adhair chatharra as deidh a' Chogaidh. Bha cuideachd Steisean-reudair RAF aig Cill Choinnich agus fear eile aig Beinn Hough. Bha steisean-tamaill aig Goirtean Dhomhnaill rompa seo agus as deidh a' Chogaidh bha steisean-reudair ROTOR aig an RAF aig Beinn Ghott.