Gaborone
As a'Wikipedia
'S e prìomh-bhaile Bhotsuana a tha ann an Gaborone, (IPA: /ˌɡæbəˈroʊni/). Anns a’ bhliadhna 2005 bha 208,411 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha am baile suidhichte anns a’ ghleann eadar Beinn Kgale agus Beinn Oodi air bruach Abhainn Notwane. Tha e anns an earra-dheas Botsuana, dìreach 15 mile air falbh bho crìochan Afraga a Deas.
Ro 1969, b’e Gaberones an t-ainm a bha air a’ bhaile[1]. Thàinig an t-ainm tùsail bho Kgosi Gaborone, ceannard treubh Afraganach.
Chaidh meadhan a’ bhaile a thogail ann an trì bliadhnaichean a-mhain. Bha e deiseal aig ceann-latha neo-eisimeileachd Botsuana (30mh an t-Sultain 1966).
Tha am port-adhair, Sir Seretse Khama International Airport, mu deich cilemeatair 'sa tuath Gaborone. Tha an Oilthigh Botsuana, a chaidh a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1977, ann an Gaborone cuideachd.